Ceist mu na tha an dàn do thrì ionadan cùraim ann an Leòdhas

Neach-cùraim a' toirt cupa tì do chuideigin.

Dh'fhaodadh gun tèid beachd an t-sluaigh a shireadh air dè bu chòir tachairt dha na h-ionadan cùraim ann an Càrlabhagh, Crabhlasta agus Garrabost.

Beachdachaidh Bòrd Amalaichte nan Eilean Siar (IJB), ris a bheil cùram agus obair shòisealta an urra, air grunn mholaidhean airson nan goireasan nuair a choinnicheas iad Diciadain.

Cluinnidh a' choinneamh nach eil uidhear a dh'iarrtas ann air an son air sgàth agus gu bheil daoine a' faighinn barrachd cùraim sna dachaighean aca fhèin.

Tha an IJB a' moladh gun tèid beachd a' phobaill a shireadh agus gun tèid measadh a dhèanamh air na chanas iad.

Am measg nan roghainnean tha cùisean a chumail mar a tha iad neo fear de na trì ionadan a dhèanamh na ghoireas far an tèid coimhead as dèidh dhaoine rè ùine airson faochadh a thoirt dhan luchd-cùraim aca, agus na dhà eile a dhùnadh.

'S e a b'fheàrr leis an IJB gun tèid ionad cùraim faochaidh a stèidheachadh agus gun tèid an t-airgead a gheibh iad bho bhith a' dùnadh an dà ionad eile a chosg air cùram san dachaigh agus a chur ma seach agus a chaomhnadh.

Tha an IJB a' moladh gun tèid trì coinneamhan poblach a chumail ann an Càrlabhagh, Crabhlasta agus Garrabost agus gum bi moladh deireannach aca sa Mhàrt.