Lewis Wind
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Planaichean LWP gan taisbeanadh

12 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chùm Cumhachd Gaoithe Leòdhais, neo LWP, là fiosrachaidh an-diugh ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh 's iad a' sireadh cead-dealbhachaidh a bharrachd airson an tuath-gaoithe aca air iomall a' bhaile.

Tha iad a' moladh cruinn-gaoithe nas motha agus nas cumhachdaiche a-nis airson cothrom nas fheàrr a thoirt dhaibh a bhith a' tagradh airson cùmhnantan leasachaidh.

Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.