Carbaid-eiridinn 24 uairean am Port Rìgh

Carbad-eiridinn Image copyright Getty Images
Image caption Thèid sianar luchd-obrach charbad-eiridinn ùra fhastadh airson an leudachadh a chur an gnìomh.

Bidh carbaid-eiridinn ag obair 24 uairean a thìde san là ann am Port Rìgh.

Mar a tha gnothaichean air a bhith san sgìre, chan eil sin air a bhith a' tachairt ach airson là san t-seachdain.

Thèid sianar luchd-obrach charbad-eiridinn ùra fhastadh airson an leudachadh a chur an gnìomh.

Agus bidh an gluasad sin a' ciallachadh nach bi aig luchd-obrach a bhith air siostam gairm air na làithnean nuair nach eil iad air sioft oifigeil.