Cead-pàircidh seachdaineach an Earra Ghàidheal?

Pàirceadh anns an Òban
Image caption Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid air càineadh fhaighinn mu cho teann 's a tha cìsean pàircidh san sgìre, gu sònraichte anns an Òban.

Dh'fhaodadh gun tèid ceadan-pàircidh seachdaineach a chur an sàs ann an Earra Ghàidheal ma shoirbheachas le sgeama paidhleit anns an Òban.

Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid air càineadh fhaighinn mu cho teann 's a tha cìsean pàircidh san sgìre, gu sònraichte anns an Òban.

Bha dragh sònraichte air cuid de dhràibhearan gun robh aca ri ticead fhaighinn gach là mur an robh cead-pàircidh aca airson trì mìosan, sia mìosan neo bliadhna air fad.

Tha seo cuideachd a' toirt buaidh air dràibhearan a bhios a' fàgail an càraichean timcheall air ionad Chaledonian Mhic a' Bhriuthain sa bhaile, far am faod daoine na carbadan aca fhàgail 'son grunn làithean.

Aig an ìre-sa, chan eil roghainn eile ann ach cead-pàircidh fad trì mìosan - aig a' char as giorra - a cheannachd.

Paidhleat

Ach bidh comhairlichean a' deasbad phlanaichean airson siostam chìsean ùr a chur an sàs.

Bidh Comataidh Poileasaidh agus Ghoireasan na comhairle a' dèanamh sgrùdaidh Diardaoin air molaidhean gus ceadan a mhaireas seachdain neo mìos a thoirt a-steach.

Chosgadh cead 'son mìos £60, agus bhiodh cead seachdaineach, a ghabhadh cleachdadh ann am pàirc-chàraichean sam bith san sgìre, a' cosg £30.

Ma ghabhas comhairlichean ris na molaidhean, thèid sgeama paidhleit a chur an gnìomh ann an sgìre an Òbain, Latharna is nan Eilean.

Agus ma shoirebhachas leis an sgeama sin thèid an siostam a chur an sàs air feadh Earra Ghàidheal is Bhòid.