Còrr agus £68,000 do dh'Eilean Ratharsair

Dh'fhaodadh gum bi barrachd thaighean anns an eilean anns na bliadhnaichean a tha romhainn.
Image caption Dh'fhaodadh gum bi barrachd thaighean anns an eilean anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Fhuair Urras Leasachaidh Eilean Ratharsair £68,230 bho Stòras-airgid Fearann na h-Alba.

Thèid an t-suim-airgid a chur a dh'ionnsaigh pròiseact airson dà acair de dh'fhearann ann am baile beag Inbhir Arais a cheannach gus taighean a thogail.

Dh'fhaodadh gum bi dòrlach thaighean air an làraich anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Bidh ceithir taighean ri fhaotainn air màl nach bi àrd, bidh dà làraich ri fhaotainn do dhaoine a tha airson taigh a thogail iad fhèin agus thèid làrach eile a reic ri buidheann-taigheadas gus dà thaigh eile a thogail.

Fàilte 's furan

Chuir ball an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bàideanaich ann am Pàrlamaid na h-Alba fàilte air an naidheachd.

Thuirt Cèit Fhoirbeis: ''Ma tha smachd neo sealbh aig coimhearsnachd air fearann neo ge bith dè, faodaidh e cruth atharrchadh air thoirt air an àite''.

"Cha bheag an t-adhartas a thàinig air an eilean o chionn ghoirid, mar eisimpleir taigh-staill ùr ga fhosgladh ann - agus cosnaidhean na chois. Ach cha mhair sìon dhen sin mura h-eil taighean agus dachaighean ri fhaotainn do mhuinntir an eilein," thuirt Ms Fhoirbeis.