Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Rùnaire Bhrexit, Stephen Barclay, nach eil brìgh sna h-aithrisean gun tuirt Theresa May nach fhàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach gun aonta sa Mhàrt. Tha sin an dèidh do dh'fhear-naidheachd aig ITV innse an-raoir gun cuala esan àrd-bharganaiche Bhreatainn air Brexit, Olly Robbins, ag ràdh ann an taigh-seinnse sa Bhruiseil, gun toireadh am Prìomhaire roghainn do Bhuill-Phàrlamaid, iad taic a chur ri aonta ùr neo dàil ann am Brexit. Thuirt Mgr Barclay an-diugh nach e sin poileasaidh an Riaghaltais agus nach eil adhbhar ann dàil a chur sa phròiseas.

Teine

Tha màill mhòr air trafaig air fear dè na rathaidean as trainge an Alba an dèidh teine air làraidh a bha a' giùlain chàraichean. Tha an M74 dùinte gu lèir air an t-slighe tuath aig Lios Mochuda deas air Glaschu.

Ìre na h-Atmhorachd

Thuit ìre na h-atmhorachd san Fhaoilleach gu 1.8%, an ìre as lugha ann an dà bhliadhna a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Tha sin sìos bho 2.1% san Dùbhlachd agus nas lugha na targaid Bhanca Shasainn aig 2.0%. Thuirt an ONS gur e dealan, gas agus connadh eile nas saoire as motha a chuir ris an ìsleachadh.

Port Rìgh

Chaidh fàilte air dearbhadh bho Sheirbeis Charbad-Eiridinn na h-Alba gun tèid sianar luchd-obrach ùr fhastadh ann am Port Rìgh, uimhir eile 's a th' ann an-dràsta. Tha sin a' ciallachadh gum bi carbad-eiridinn 24 uairean san là, seachd là san t-seachdain stèidhichte aig Ospadal Phort Rìgh, seach luchd-obrach a bhith air "call" mar a tha iad an-dràsta. Thuirt ceannard na seirbheis ann an ceann a tuath na h-Alba, Milne Weir, gun toir an siostam ùr sùbailteachd agus neart dhan t-seirbheis air feadh an Eilein Sgitheanaich.

Fiaclaireachd

Tha coltas gum faodadh Riaghaltas na h-Alba seasamh a-staigh mura bi adhartas ann an seirbheis fhiaclaireachd Uibhist. Tha Bòrd Amalaichte nan Eilean Siar a' coinneachadh an-diugh agus iad a' deasbad an e aon ionad a bhios ann am Baile a' Mhanaich neo trì ionadan fhàgail, mar a th' ann an-dràsta.

Ionadan Cùraim

Agus bidh am Bòrd Amalaichte a' beachdachadh an-diugh cuideachd air na trì ionadan cùraim ann an Leòdhas, an Càrlabhagh, Crabhlasta an Ùig', agus Garrabost. Thèid beachd an t-sluaigh iarraidh air plana airson dhà dhiubh sin a dhùnadh agus an treas ionad a chumail mar dhòigh air airgead a chùmhnadh.

Concrait

Tha dòchas ann gum faodadh gàrraidhean Àranais 's Chiseoirn obair fhaighinn a' dèanamh bhunaitean concrait a chumas tuathan-gaoithe air flod aig muir. Tha a' chompanaidh chumhachd Nirribheach, Equinor, a' rannsachadh an-dràsta ciamar a ghabhadh na bunaitean concrait sin cleachdadh.