Tubaist eadar dà chàr faisg air Drochaid Sguideil

Seacaid poilis

B'fheudar uidheaman gearraidh a chleachdadh airson aon neach a shaoradh an dèidh tubaist rathaid air an A835.

Bhuail dà charbad na chèile beagan ro 11:00 Diciadain faisg air Drochaid Sguideil.

Chaidh an rathad eadar Inbhir Pheofharan agus An Todhar a dhùnadh fhad 's a bha na seirbheisean èiginn a' dèiligeadh ris a' chùis.

Chleachd luchd-smàlaidh innealan gearraidh airson aon neach fhaighinn a-mach à fear dhe na carbadan.

Bha dithis eile an sàs san tubaist ach chaidh aca ri iad fhein a shaoradh bho na càraichean san robh iad.