Conaltradh mu aonadan cùraim an Leòdhas

Neach-cùraim a' toirt cupa tì do chuideigin

Cumar coinneamhan ann an trì bailtean ann an Leòdhas mu mholadh airson dà aonad cùraim a dhùnadh.

Tha Bòrd Cùraim is Slàinte nan Eilean a' tòiseachadh conaltradh air dè tha dol a thachairt do na trì aonadan cùraim beaga ann an Càrlabhagh, Crabhlasta agus Garrabost a ghabhas aon duine deug uile gu lèir.

Chualar coinneamh den Bhòrd Diciadain nach eil ach aon duine an-dràsta a' faighinn cùraim ann an aon dhe na trì aonadan, goireasan do dhaoine tha an ìre mhath air chomas.

Tha e a' cosg £425,000 gach bliadhna na h-aonadan a ruith ach tha oifigearan ag ràdh gu bheil cùisean air atharrachadh bhon a chaidh an togail.

Chan eil uidhear a dh'iarrtas ann airson leithid de ghoireas agus b'fheàrr leotha coimhead ri seirbheis airson cùram a thoirt do dh'euslaintich nan dachaighean fhèin.

Tha iad a' moladh gun tèid aon aonad a chumail fosgailte airson faochadh a thoirt do luchd-cùraim, ach gun tèid na dhà eile a dhùnadh.

Tha an aithisg conaltraidh ag ràdh gun cuireadh sin £100,000 a bharrachd ri cùram san dachaigh, agus gun deadh mu £100,000 a chaomhnadh.

Tòisichidh an conaltradh poblach a dh'aithghearr, le co-dhùnadh aig coinneamh a' Bhùird an ath-mhìos.