Dùil ri co-dhunadh mu fhiaclaireachd an Uibhist sa Mhàrt

Obair fiaclaireachd Image copyright Getty Images

Chuala coinneamh carson a bha uidhear a dhàil sa cho-dhùnadh mu na thachras dhan t-seirbheis fiaclaireachd ann an Uibhist.

Choinnich Bòrd Cùraim agus Slàinte nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh Diciadain.

Air a'chlàr-ghnothaich, am measg eile, bha suidheachadh seirbheis fiaclaireachd Uibhist.

Ged a mhol oifigich a' bhùird bho chionn bliadhna an t-seirbheis a ruith a-mach à aon ionad ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh agus trì ionadan beaga a dhùnadh, cha robh buill aonaichte.

Fo riaghailtean a' bhùird bha aca ris a' chùis a chur gu àrd-oifigear na Comhairle agus àrd-oifigear a' Bhùird Slàinte airson soilleireachaidh.

Tha e coltach nach d'fhuair iad sin fhathast.

Droch chliù

Thuirt àrd-oifigear a' Bhùird Slàinte, Gòrdan Jamieson, Diciadain gun do rinn esan co-dhùnadh sa Mhàrt 2018 agus gu robh an dàil air a chliù a mhilleadh.

Chan e gun deach e fhèin agus àrd-oifigear na Comhairle, Calum Burr, a-mach air a chèile, thuirt e, ach 's e an tuigse aige gun robh Mgr Burr a' feitheamh ri soilleireachadh air cùisean bho neach-comhairleachaidh air fiaclaireachd.

Thuirt Mgr Jamieson gu robh dùil aige fhèin agus Mgr Burr coinneachadh madainn Dhiciadain ach gun robh Mgr Burr air a bhith far obair.

Fhad 's a tha an dàil air a dhol air cùisean, nochd rannsachadh gu bheil na tha a' cleachdadh na seirbheis fiaclaireachd an Uibhist air a dhol an-àirde.

Tha cathraiche a' Bhùird, Kenny John MacLeoid, a-nise air sgrìobhadh gu Mgr Jamieson agus Mgr Burr ag iarraidh orra an obair a chrìochnachadh gus am faigh am Bòrd air co-dhùnadh a ruighinn aig a' choinneimh aca sa Mhàrt.

A' bruidhinn air Radio nan Gàidheal madain Dhiciadain thuirt BPA na sgìre, Alasdair Allan, gun robh teansa ann gun deadh Riaghaltas na h-Alba an sàs sa chuis mura tigeadh rèite eadar an dà bhuidhinn.