Gearraidhean còrr 's £27m ann an 2019/20

Bho 2010, thàinig air Comhairle na Gàidhealtachd gearraidhean de chòrr's £100m a dhèanamh.
Image caption Bho 2010, thàinig air Comhairle na Gàidhealtachd gearraidhean de chòrr 's £100m a dhèanamh.

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd taic a chur ri gearraidhean luach còrr 's £27m airson na bliadhna-ionmhais a tha romhainn (2019/20).

Bidh aca ri beagan 's £60m a chùmhnadh thairis air trì bliadhna.

Ged a fhuair a' Chomhairle airgead a bharrachd bhon Riaghaltas, thèid sin a dh'ionnsaigh cùl-stòras an ùghdarrais agus pròiseactan airson cruth-atharrachadh a thoirt air seirbheisean seach am buidseat fhèin.

Gearraidhean

Bho 2010, thàinig air Comhairle na Gàidhealtachd gearraidhean de chòrr 's £100m a dhèanamh.

Cha bhi Roinn an Fhoghlaim air a dìon mar a bha bliadhnaichean ron seo agus thig gearradh còrr 's £10m air a' bhuidseat.

Tha iad a' moladh cruth-atharrachadh a thoirt air na th' ann de luchd-obrach anns na sgoiltean agus thig atharrachadh bunaiteach air an fhogham a tha clann le feumlachdan sònraichte a' faotainn.

Cha bhi na solais-rathaid cho soilleir as t-oidhche, thig lùghdachadh air an àireimh de luchd-obrach a tha a' glanadh nan sràidean agus thig gearradh 10% aig a' char as àirde air an t-suim airgid a tha buidhnean spòrs, cultair agus foghlaim a' faotainn bhuapa - am measg grunn rudan eile.

Cosnaidhean

Chan eil fios cinnteach ann fhathast cia mheud cosnadh air an toir gearraidhean Comhairle na Gàidhealtachd buaidh.

Chan eil a' Chomhairle fhèin ag innse.

Tha iad a' cantail ge-tà, nach caill duine an cosnadh an aghaidh an toil.

Ach gluaisidh dòrlach dhaoine bho aon roinn den ùghdarras ionadail gu roinn eile - cia mheud, cuin agus ciamar chan eil iad ag innse.

Tha sin a' dèanamh dragh do na h-aonaidhean air Ghàidhealtachd.

Thuirt Pòl Mac a' Phearsain bho Aonadh an GMB: ''Chan eil a' Chomhairle ag innse dè thachras dhan luchd-obrach a th' air fhàgail, ma thèid daoine a ghluasad gu roinn eile den ùghdarras ionadail.''

Cosgais sheirbheisean agus cìsean a' dol suas

Thèid a' chìs chomhairle suas 3%.

Thig àrdachadh 3% air faraidhean Aiseig a' Chorrain ann an Loch Abar.

Thèid biadh sgoile suas 5sg.

A bharrachd air sin, dh'fhaodadh gun tèid cìs turasachd a stèidheachadh gus tuilleadh airgid a thoirt a-steach dhan Chomhairle.

Thèid co-luadar a dhèanamh air sin an ceann mìos neo dhà.

Tuilleadh air an sgeulachd seo