Caley sa Chupa 's County a' call
- Air fhoillseachadh

Cluichidh Caley Thistle Inbhir Nis Dùn Dè Aonaichte anns na cairteal-chuairtean deireannach de Chupa na h-Alba.
An dèidh geama èibheisich aig Pàirce Chaley oidhche Mhàirt, chrìochnaich iad co-ionnan 2-2 aig deireadh a' gheama.
Ach bhuannaich Caley Thistle an uairsin air breaban peanais airson a dhol troimhe dhan chairteal-chuairt dheireannaich.
Bha an geama farpaiseach - a-null 's a-nall.
Tadhail am pailteas
Chaidh County air thoiseach nuair a fhuair Ross Stiùbhairt air a' bhall a chur dhan lìon le cheann.
Anns an dàrna leth, thug ceann Jordan MacIlleBhàin Caley Thistle air ais co-ionnan.
Chaidh County an uairsin air ais air thoiseach 2-1, tro Mhìcheal Gardyne.
Ach cha robh Caley Thistle deiseil.
Le ball bho Liam Polworth, bha Jordan MacIlleBhàin air ais le tadhal eile.
2-2 aig deireadh a' gheama ma-tha.
Breaban peanais
Bha ann uairsin leth-uair de thìde de dh'ùine a bharrachd ann.
Cha d' fhuair duine seach duine tadhal an sin, 's chaidh e gu breaban peanais.
Chuir an dà sgioba a' chiad dà bhreab pheanais aca.
Ach an uairsin shàbhail fear-glèidhidh Chaley Thistle, Mark Rodgers, a' bhreab aig fear Declan MacManus.
Aig 4-4 air breaban peanais, bha cothrom aig Nathan Austin sgioba Inbhir Nis a chur troimhe dhan ath-chuairt.
Bha luchd-leantainn Chaley a' dèanamh mòr-ghàireachais oidhche Mhàirt. Bha Derek MacIlleathain nam measg.
Bha Derek MacIlleathain am measg na bha a' dèanamh mòr-ghàirdeachais oidhche Mhàirt.
Cluichidh Caley Thistle Dùn Dè Aonaichte air falbh bhon taigh anns a' chairteal-chuairt dheireannaich.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 15 An Gearran 2019