Bàideanach air tòiseachadh gu math

Published

Thòisich seusan nam ban san iomain le brag is Bàideanach a' tilleadh dhachaidh à Port Rìgh le dà phuing.

'S e geama tarraingeach dha-rìribh a bh' ann 'son toiseach an t-seusain ùir a chomharrachadh is na Sgitheanaich is Bàideanach air a bhith a' strì 'son nan duaisean mòra an-uiridh.

Air a' cheann thall dh'fhalbh na Sgitheanaich leis an lìog is Cupa Valerie Fhriseil a' dol a Bhàideanach.

Buille

Tha làmh an uachdair a-nise aig Bàideanach tràth san t-seusan ùr.

Sin a dh'aindeoin is gur iad boireannaich an Eilein a chaidh air thoiseach aig Pàirc nan Laoch Disathairne is Lorna NicRath air an targaid.

Fhreagair Kirsty Deans ge-tà is 's i Deans an uairsin a chuir an tadhal anns na dìogan mu dheireadh gus an geama a bhuannachadh dha Bàideanach.

Anns na geamaichean eile san Lìog Nàiseanta, rinn Loch Abar a' chùis 4-1 air Obar Dobhair agus shoirbhich GMA 5-4 an aghaidh Shrath Spè.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh