Soilleireachadh a dhìth mu airgead a' Chàirn Ghuirm

Rèile-beinne Image copyright Getty Images
Image caption Tha HIE a-nis a' stiùireadh na rèile-beinne agus an ionaid-sgìthidh, is a' chompanaidh phrìobhaideach a bha gan ruith air a dhol ann an rianachd.

Tha Ball Gàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gum feum barrachd shoilleireachaidh a bhith ann mu mar a tha airgead poblach ga chosg.

Bha Rhoda Ghrannd a' bruidhinn is connspaid a' leantainn mu rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm agus mun ionad sgìthidh, air an deach deugachadh de mhilleanan notaichean ann an airgead poblach a chosg.

Dh'aidich Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean an t-seachdain seo chaidh gum faodadh suidheachadh èirigh far nach fhosgladh rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm gu brath tuilleadh.

Tha feadhainn anns an sgìre air draghan a thogail mu mar a bha airgead poblach ga chosg air an rèile-beinne agus air an ionad sgìthidh.

Coimhearsnachd

Tha HIE a-nis gan stiùireadh a-rithist is a' chompanaidh phrìobhaideach a bha gan ruith air a dhol ann an rianachd.

Tha am ball Gàidhealach Làbarach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Rhoda Ghrannd, an dòchas a' chùis a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo.

Thuirt i gu bheil feum air soilleireachadh air mar a tha airgead poblach ga chosg, is mar a tha cùmhnantan eadar an roinn phoblach is companaidhean prìobhaideach ag obair.

Thuirt i cuideachd gu bheil i an dòchas gum bi àite aig a' choimhearsnachd ann a bhith a' ruith ghoireasan a' Chàirn Ghuirm san àm ri teachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo