Seòmraichean Newton air Ghàidhealtachd

Sgoilearan Image copyright HIE

Fosglaidh a' chiad ionad-foghlaim de a sheòrsa ann am Breatainn ann an Gallaibh Diluain.

Tha Seòmraichean Newton stèidhichte air siostam Nirribheach agus iad air an dealbhachadh gus ùidh a thogail am measg dhaoine òga ann an saidheans, teicneòlas, einnseanaireachd, agus matamatag (STEM).

Thèid a' chiad ionad den leithid ann am Breatainn fhosgladh Diluain ann an Inbhir Theòrsa, agus fosglaidh fear eile anns a' Ghearasdan air an ath-mhìos.

Air an stiùireadh le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus le pàirt den mhaoineachadh a' tighinn bho Aonta Baile Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd, bheir na seòmraichean brosnachadh do dhaoine òga le bhith a' gabhail pàirt ann an obair phractaigeach a bhios ceangailte ri sgeamaichean STEM a bhios rim lorg anns an sgìre.

Thathas an dòchas gum bi rudan air a bheil Newton Modules air an leasachadh, a' leantainn curraicealam airson sàr-mhaitheis Riaghaltas na h-Alba agus sgeamaichean STEM na h-Alba.