Leagail craobh Mhaoil Ruaidh air a chomharrachadh

Creag an Leabhair
Image caption Tha traidisean ag ràdh gun robh clag a' crochadh air a' chraoibh (air an làimh dheis den dealbh) leis an gairmeadh Maol Ruadh sluagh gu searmonn.

Chruinnich buidheann bheag air làrach shònraichte ann am Breacais san Eilean Sgitheanach feasgar Dhidòmhnaich a chuimhneachadh craoibhe a th' air a bhith a' seasamh - a rèir chuid - bho linn Mhaoil Ruaidh, 's a chaidh a leagail bho chionn ghoirid.

Chan eil fios ann fhathast cò leag i.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dol às àicheadh gur iad a bu choireach, ged a bha obair a' dol air adhart aig an àm faisg air làimh a' gearradh phreasan is chraobhan air fearann na Comhairle.

Bhiodh an naomh Maol Ruadh a' searmonachadh air an làraich, agus bhiodh clag a' crochadh bhon chraoibh airson daoine a thoirt a-mach dhan t-searmonn.

Raon-laighe

O chionn cola-deug ge-tà, chaidh a' chraobh sin a leagail.

"Thàinig naomh Maol Ruadh a-nall às a' Chomraich gu Aiseig, tha mi a' smaoineachadh gur e 700 AD, agus thòisich e seirbheisean a ghabhail an seo, agus thug e a-null an creideamh Crìosdail dhan Eilean Sgitheanach," thuirt Iseabail Strachan, à Breacais.

"Bha iad ag ràdh, nuair a bha Maol Ruadh a' searmonachadh an seo, gum biodh clag air a' chraoibh, agus mar sin 's e craobh gu math sònraichte a bh' ann do na daoine a tha a' fuireach an seo.

"Tha sinn a' smaointinn gun do thachair e air 4mh am Màrt.

"Bha coinneamh ann am Port Rìgh leis a' Chomhairle, 's bha iad a' bruidhinn air an raon-adhair, agus aig an aon àm bha luchd-obrach a' gearradh sìos chraobhan air an raon-adhair fhèin.

"Tha sinn a' smaoineachadh gur ann air an là sin a chaidh a chraobh a ghearradh sìos," thuirt i.

Tha an gnothach air cais a chur air cuid anns an sgìre a tha a' cur an aghaidh a' phlana airson an raon-laighe aig Aiseag ath-fhosgladh gus seirbheisean-adhair a ruith a-rithist eadar an t-Eilean Sgitheanach agus bailtean air Tìr-Mòr.

Tha a' Chomhairle air a ràdh nach e duine den luchd-obrach acasan a leag a' chraobh, no duine sam bith a bha ag obair às an leth.

Thuirt iad nach ann leothasan a bha an talamh air an robh a' chraobh a' seasamh.

Ge b' e cò a rinn e ge-ta, tha muinntir an àite air an uabhasachadh.

"B' fheudar dhuinn ar cuid bròin a chomharrachadh dòigh air choireigin airson na tàmailt a rinneadh," thuirt Donnchadh MacAonghais, a tha a' fuireach san sgìre.

"'S e làrach caran naomh a th' ann an seo. Tha Creag na Cùbaid ann, 's tha a' chiad eaglais a bha riamh san eilean ann, agus cladh," thuirt e.

"Bha sinn airson a' chraobh a chomharrachadh ann an dòigh air choireigin, agus bha sinn a' smaoineachadh gum biodh e iomchaidh 's dòcha uair de thìde de shàmhchar a chur seachad an seo," thuirt Iseabail Strachan.

"Tha daoine a' strì an aghaidh na seirbheis adhair, ach chan ann mu dheidhinn sin a tha seo an-diugh.

"Tha sinn brònach mu dheidhinn na thachair ris a' chraoibh shònraichte seo, agus bha sinn dìreach airson a bhith socair ann an àite a tha gu math sìtheil agus gu math sònraichte," thuirt i.