Dragh mu bhuaidh ghearraidhean ASN

Soidhne Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt carthannas autism gun toir lùghdachadh san àireamh thidsearan droch bhuaidh air cloinn-sgoile air Ghàidhealtachd.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am beachd lùghdachadh a thoirt air na tha de luchd-taic airson sgoilearan le feumalachdan sònraichte.

Tha an t-ùghdarras ag ràdh nach caill daoine an obair an aghaidh an toil ach gu bheil iad a' toirt cruth-atharrachaidh air mar a bhios iad ag obair.

Tha dùil gun tòisich prògram trèanaidh sa Chèitean gus am faigh iad obair oideachaidh eile ann an leithid ionnsachadh òg agus cùram cloinne.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil 13,461 sgoilear aca a tha feumach air co-dhiù aon neach-taic san sgoil.

Draghan

Tha a' bhuidheann, Friends of Autism Highland, a' cumail taic ri còrr air 440 teaghlach air a bheil autism a' toirt buaidh.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad airson coinneachadh ris a' Chomhairle airson bruidhinn mu na tha san amharc aca.

Thuirt an cathraiche, Kerry Maxwell Johnstone, gun robh e cudromach gum biodh cothrom aca na draghan aca a chur an cèill.

"'S e an rud a b' fheàrr a dh'fhaodadh tachairt 's e gun sguireadh Comhairle na Gàidhealtachd de bhith ag atharrachadh roinn a tha mar thà gann de thaic.

"Tha sinn airson agus gum bi iad a' conaltradh ri buidhnean carthannais de ar leithid aig a bheil na ceudan de bhuill air an toir seo buaidh, agus cha tàinig iad thugainn idir.

"Is sinne an fheadhainn a dh'fheumas dèiligeadh ri mar a tha dìth taice a' toirt buaidh air na teaghlaichean seo bho là gu là," mhìnich i.