Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 Am Màrt 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Theresa May a' cumail coinneimh caibineit an-dràsta agus reubaltaich Thòraidheach ag iarraidh oirre a dreuchd fhàgail mar dhòigh air taic fhaighinn don aonta Bhrexit aice. Tha dùil ri aithris, an dèidh coinneimh a' Chaibineit, air slighe air adhart do Bhrexit. Tha dùil ri diofar roghainnean air am faigh buill na Pàrlamaid cothrom bhòtaidh.

Trump

Tha Deamocrataich sna Stàitean Aonaichte ag iarraidh an aithisg gu lèir fhoillseachadh an dèidh rannsachadh Raibeirt Mhueller air aithrisean gun do ghabh an Ruis gnothach ri taghadh a' chinn-suidhe ann an 2016. Tha Dòmhnall Trump fhèin ag ràdh gu bheil an aithisg a' dearbhadh nach do rinn e cuilbheairt sam bith ris sn Ruis, ach tha na Deamocrataich ag ràdh nach eil co-dhùnadh sam bith ann an do chuir e bacadh air ceartas.

Gàsa

Thuirt poilis ann an Israel gun deach seachdnar a ghoirteacadh le rocaid a chaidh a losgadh à Gàsa. Seo an rocaid as fhaide a chaidh a-steach a dh'Israel bho thòisich an cogadh ri Hamas ann an 2014. Thuirt am Prìomh Mhinistear, Benjamin Netanyahu, a th' anns na Stàitean Aonaichte an-dràsta, gun dèan Isreal dìoghaltas airson na h-ionnsaigh a tha seo.

Poileas Alba

Thug comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba trioblaidean am follais aig ìre thràth an dèidh feachd ùr Poileas na h-Alba tòiseachadh. Thuirt Comataidh a' Cheartais gun tug trioblaidean le goireasan IT agus cion stiùir bho cheannardan buaidh air an t-seirbheis. Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Humza Yousaf, gun tèid sreath mholaidhean a chur an sàs, an leithid atharrachadh ann an siostam nan gearainnean mu na Poilis, agus barrachd àite cuideachd do dh'Ùghdarras Phoileas na h-Alba.

CalMac

Tha fiathachadh aig luchd-gnothaich an earrar gu breacaist ann an Steòrnabhagh còmla ri bòrd-stiùiridh Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn. Seo pàirt de shreath choinneinmhean a tha bòrd ChalMac a' cumail anns na coimhearsnachdan agus iad ag ràdh gun toir iad sin eòlas dha na stiùirichean air dè seòrsa chuspairean agus trioblaidean ris am feum iad dèiligeadh.