Uidheam a lorgas iolairean marbh
- Published
Tha uidheaman saideil gan cur air eòin chreachaidh mar phàirt de dheuchainn sa Mhonadh Ruadh.
Tha luchd-glèidhteachais a' dèanamh oidhirp a bharrachd lorg fhaighinn air closaichean iolairean buidhe agus amharas ann gun deach am marbhadh gu mì-laghail.
Cuiridh iad uidheam ris an canar Raptor Tracker air iseanan iolairean buidhe thairis air an ath 18 mìosan.
A thuilleadh air barrachd fiosrachaidh a thoirt mu bheatha agus chleachdaidhean eòin sheilge, thathar a' cumail a-mach gun innis e càite a bheil eun dìreach beagan diogan an dèidh dha bàsachadh.
Tha grunn bhuidhnean an sàs sa phròiseict, nam measg Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Urras Breatannach an Eun-eòlais.
Strì an Aghaidh Eucoireach
Thuirt an sgioba os cionn na h-obrach gun cuir an t-uidheam lorgachaidh teachdaireachd thuca ma tha an t-eun ann an èiginn leis an dearbh àite far a bheil e.
Tha iad ag ràdh gun cuidich an siostam rabhaidh seo iad ann a bhith a' lorg agus a' faighinn nan eun a th' air bàsachadh.
Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan, gun robh i an dòchas gun cuireadh e bacadh air eucoirich cho math ri innse dè thachair ma tha amharas ann mu bhàs eòin.
Thuirt Grant Moir bho ùghdarras na pàirce nàiseanta: "'S e fear de phrìomh amasan a' phlana-ghnìomha as ùire againn dèiligeadh ri eucoir an aghaidh fiadh-bheatha agus feuchainn ri eòin chreachaidh a ghlèidheadh.
"'S e teicneòlas iongantach a tha seo a thaobh a bhith a' glèidheadh nan eun, barrachd tuigse a bhith againn orra agus cur an aghaidh eucoir fiadh-bheatha."