Inbhe ùr aig Marathon a' Phairbh ri linn tuill san rathad

Rathad le tuill air uachdar Image copyright Angela Ure
Image caption Tuill air earrann de chursa a' Mharathon

Tha Marathon a' Phairbh, a bh'air an rathad fad 15 bliadhna, air a chomharrachadh a-nis mar "spòrs iomadh cruth-tìre" leis na tha de thuill air a' chùrsa.

Tha earrann den rèis air rathad singilte faisg air Diùrnais, air costa Dhùthaich MhicAoidh.

Tha Lùth-Chleasachd na h-Alba air iarraidh air an fheadhainn a tha ga cur air dòigh a comharrachadh mar rèis far-rathaid air sgàth staid na slighe.

Tha iad air innse dha luchd-ruith na bliadhna seo air thoiseach air là na rèise.

Tha i mar phàirt de dh'Fhèis Ruith eadar 12mh agus 18mh den Chèitean, agus tha i làn mar thà.

Tha an earrann de rathad shingilte a' dol gu Taigh-Solais a' Phairbh.

Tha obair-càraidh air an rathad a' tighinn fo aonta eadar Comhairle na Gàidhealtachd, companaidh bus ionadail agus Ministearachd an Dìon, leis a bheil fearann aig a' Pharbh.

Image copyright Getty Images
Image caption Tha am marathon ga chumail aig a' Pharbh air costa Dhùthaich MhicAoidh.

Tha a' bhuidheann charthannais os cionn a' mharathon ag ràdh: "Bidh luchd-ruith a rinn an cùrsa mothachail air cho truagh agus a tha uachdar an rathaid agus 's e a' chomhairle a fhuair sinn bho Lùth-Chleasachd na h-Alba nach urrainn do Mharathon a' Phairbh a bhith air a shanasachd mar chùrsa marathon air sgàth cho garbh 's a tha an rathad.

"Tha fios againn gur dòcha nach eil sin cudromach don mhòr-chuid den luchd-ruith, bha sinne den bheachd gum biodh e feumail innse dhaibh cho luath 's a ghabhas air eagal agus gum bi iad a' crochadh air crìochnachadh na rèise airson faighinn a-steach gu rèisean marathon eile am-bliadhna."

Chan eil an co-dhùnadh a' toirt buaidh air an rèis 10km neo an leth-mharathon, thuirt iad.

Thuirt Comhairle na Gàidheatlachd gun robh an rathad singilte mar phàirt de lìonra de 4,000 mìle de rathaidean ris an robh iad an urra feadh na sgìre.

Thuirt tè-labhairt: "Ràinig sinn aonta bho chionn beagan bhliadhnaichean le companaidh bhusaichean na sgìre agus an MoD gun toireadh a' Chomhairle seachad an stuth airson an rathad a chàradh, gun toireadh a' chompanaidh bus an stuth dhan Pharbh, agus gun dèanadh an MoD an obair-càraidh."

"Tha sinn air an stuth a thoirt seachad mar a chaidh iarraidh oirnn."