An cumhachd uaine aca fhèin aig muinntir Chanaigh

Crainn-ghaoithe ann an Canaigh Image copyright Steve Wade
Image caption Tha crainn-ghaoithe a-nis a' cumail dealain ri muinntir Chanaigh agus Shandaigh.

Tha a' ghrian agus a' ghaoth a-nis a' cumail dealain ri coimhearsnachd Eilein Chanaigh agus chan fheum iad crochadh tuilleadh air seann ghineadairean diesel.

Dh'ainmich Urras Leasachaidh Eilean Chanaigh gu bheil an siostam cumhachd ath-nuadhachail aca air soirbheachadh agus gu bheil e air coinneachadh ri 98% de dh'fheumalachdan dealain an luchd-còmhnaidh on thòisich e.

Fad faisg air 20 bliadhna bha aig na 18 duine a tha a' fuireach ann an Canaigh agus Sandaigh ri trì gineadairean diesel a chleachdadh airson dealain, leis nach eil na h-eileanan ceangailte ris a' Ghriod Nàiseanta.

A-niste tha a' chuid as motha den dealan aca ga chruthachadh le neart na gaoithe agus solas agus teas na grèine, agus tha mar a shoirbhich leis an iomairt choimhearsnachd a' fàgail gu bheil iad cha mhòr air an cùl a chur ri na seann innealan diesel, gan cur an sàs a-mhàin nuair a tha cruaidh-fheum orra.

'S ann le companaidh coimhearnsachd, CREEL, a tha an uidheamachd, agus 's iadsan a tha ga ruith.

Image copyright Steve Wade
Image caption Tha panailean grèine cuideachd mar phàirt den sgeama ath-nuadhachail

Cothroman an sluagh agus gnìomhachasan a leudachadh

Chrìochnaich an obair a chur an sàs san Dàmhair 2018 agus on uairsin tha an sgeama ùr air dealan uaine a chumail ri eileanaich fad 24 uair de thìde.

Tha prothaidean bho bhith a' reic an dealain ri muinntir an eilein agus gnìomhachasan ionadail ga chosg air an t-siostam a chumail a' dol.

Thuirt stiùiriche CREEL, Geraldine NicFhionghain: "Tha sinn air ar dòigh gu bheil an obair air an sgeama chumhachd ullamh agus tha gèiltean a' Chuain Shiar a' cumail sgiathan nan crann-gaoithe a' cur nan car!

"Cho math ri bhith a' lùghdachadh an fhuaim agus an truailleadh bho na gineadairean, bidh an sgeama ùr a' ciallachadh gun tèid againn air barrachd thaighean a thogail ann an Canaigh airson agus gum faigh teaghlaichean ùra air an dachaigh a dhèanamh air an eilean bhòidheach seo," mhìnich i.

Tha companaidh leasachaidh an eilein ag obair còmhla ri Urras Nàiseanta na h-Alba leis a bheil Canaigh. Thuirt manaidsear nan eilean aca, Ailean Rankin:

"Tha mi air mo dhòigh gun do shoirbhich cho mòr leis an sgeama choimhearsnachd seo.

"Bu chòir meala-naidheachd a chur air Urras Leasachaidh Chanaigh agus bha sinn ro thoilichte taic a thoirt dhaibh.

"Tha cumhachd ath-nuadhachail a' toirt cruth-atharrachaidh air an eilean agus gun teagamh 's e seo an t-slighe air adhart airson choimhearsnachdan eileanach seasmach," thuirt e.

Image copyright Steve Wade
Image caption Tha dòchas ann gun tig barrachd dhaoine a dh'fhuireach ann an Canaigh a-nis gu bheil dealan glan agus earbsach aca

Dealan neo-thruaillte

Tha an siostam cumhachd ùr na bhuannachd cuideachd do ghnothachasan ionadail agus a' ciallachadh gun gabh an leasachadh. Tha mu dheich gnìomhachasan an-dràsta eadar taighean-aoigheachd, taigh-bìdhe, làrach campachaidh agus croitean.

Thuirt Geraldine NicFhionghain: "'S cinnteach gum bi dealan anns an gabh earbsa cur a' fàgail gun tig barrachd luchd-turais, ach tha e cuideachd a' toirt cothruim do leasachaidhean eile mar ionad coimhearsnachd, àiteachan-fuirich, frasadairean dealanach agus goireasan nigheadaireachd.

B' àbhaist an t-eilean còrr air 36,000 litear de dhiesel a losgadh gach bliadhna; 's e sin mu 96.6 tunna de ghasaichean càrbon dà-ocasaid.

Thairis air 25 bliadhna, dh'fhaodadh an sgeama stad a chur air sgaoileadh 2,400 tunna de chàrbon dà-ocasaid dhan àrainneachd.

Cumaidh an t-Urras cuirm Disathairne 6mh den Ghiblean airson crìoch na h-obrach a chomharrachadh le cèilidh an dèidh làimhe.