Iasad eile do NHS na Gàidhealtachd?

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Cluinnidh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil coltas ann gum bi iad faisg air £17m thairis air a' bhuidseat aca aig deireadh na bliadhna-ionmhais.

Aig coinneimh Dimàirt, canaidh an stiùiriche ionmhais eadar-amail, Dàibhidh Garden, gu bheil iomadh dùbhlan romhpa.

'S e seo a' chiad choinneamh fo stiùir chathraiche ùir eadar-amail, Boyd Robasdan.

Thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad thàinig air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd dà iasad airgid fhaighinn o Riaghaltas na h-Alba.

Chan eil fhios aig an ìre seo am feum iad iasad eile fhaighinn am-bliadhna.

Chuir iad romhpa £50m a chùmhnadh am-bliadhna seo fhèin.

Canaidh Dàibhidh Garden gur e suidheachadh "dòrainneach" a th' ann, ach gu bheil cosgais dhrogaichean agus dhotairean locum, am measg grunn rudan eile, a' cur cuideim mhòir air a' bhuidseit.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh bhall, innsidh e gu bheil iad air £100,000 a bharrachd a chùmhnadh bhon mhìos a chaidh.