Moladh cead a dhiùltadh do thuath-ghaoithe

Crann-gaoithe

Thathas a' moladh do chomhairlichean ann am Moireibh a dhol an aghaidh tuath-ghaoithe mhòir ùir faisg air Farrais.

Dh'iarradh Force Nine Energy 58 crann a thogail aig Clais Ghobhair.

Ged a thèid an co-dhùnadh mu dheireadh a dhèanamh leis an Riaghaltas, tha oifigearan a' moladh dha comhairlichean an cead acasan a dhiùltadh air an sgeama.

Tha iad ag ràdh gum biodh coltas na dùthcha air atharrachadh leis an tuilleadh chrann, agus gu leòr aca ann mar thà.