Cunnart èirigh na tìde-mhàra aig cridhe obair ealain an Uibhist

Taigh Chearsabhagh
Image caption Tha an loidhne a' sealltainn far am faodadh muir-làn a bhith a' ruighinn san àm ri teachd

Tha taisbeanadh a' sealltainn mar a dh'fhaodadh àirde na mara buaidh a thoirt oirnn ma leanas atharrachadh na sìde mar a thathar an dùil.

Tha an obair ri fhaicinn aig Taigh Chearsabhagh, ionad ealain ann an Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath, a tha mar-thà fo chunnart thuiltean nuair a tha reothart ann.

Tha innealan a' mothachadh mar a tha a' mhuir a' lìonadh agus a' tràghadh agus nuair a tha làn-àrd ann chithear loidhnichean le solais air an cùlaibh taobh a-muigh an togalaich agus a' sìneadh a-mach air a' phàirc air a bheulaibh.

Tha rabhadh an cois na h-obrach mu àirde na mara san àm ri teachd agus mar a dh'fhaodadh e buaidh a thoirt air coimhearsnachdan mu chostaichean Bhreatainn.

Tha na loidhnichean a' sealltainn far am faodadh muir làn sa bhaile a bhith a' ruighinn san àm ri teachd

Image caption Tha na loidhnichean gan lasadh nuair a tha làn àrd ann

'S iad dithis luchd-ealain san Fhionnlann, Timo Aho agus Pekka Niittyvirta, a chruthaich an taisbeanadh.

Cha mhòr nach eil bliadhna ann bho chaidh am pìos ealain "Loidhnichean" fhoillseachadh ach 's ann bho chionn ghoirid a ghlac an taisbeanadh aire nam meadhanan sòisealta agus tha dealbhan dheth air a dhol air feadh an t-saoghail.

Tha Sgàire Wallace ag obair aig Taigh Chearsabhagh. Tha e ag ràdh gu bheil iad an dòchas gum brosnaich an taisbeanadh còmhradh mu mar a dh'fhaodadh èirigh na mara buaidh a thoirt air Na h-Eileanan Siar, gu h-àraid air talamh ìosal ann an Uibhist.

"Am beachd as trice tha mi a' cluinntinn aig muinntir an àite 's e gu bheil e dìreach tiamhaidh gu ìre o chionn 's gu bheil e a' sealltainn gu bheil e dìreach air ar stairsnich, agus na daoine a tha a' fuireach ann an seo, ged a rachadh e air feadh an t-saoghail chan eil e idir a' ciallachadh gun tig piseach air cùisean a thaobh ìre na màra, neo dad mar sin," thuirt e.