Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 Am Màrt 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha còmhraidhean a' dol air adhart ag amas air Brexit ris an cuir a' mhòr-chuid de Buill-Phàrlamaid taic. Bidh sreath bhòtaichean ann a-màireach air diofar roghainnean an dèidh do Thaigh nan Cumantan smachd a ghabhail air a' phròiseas. Ach chuir Ceannard nan Cumantan, Andrea Leadsom, a taic ri beachd Theresa May nach eil dleastanas laghail sam bith air an Riaghaltas gabhail ri buil nam bhòtaichean sin.

Bancaichean

Bidh Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster a' deasbad dragh an-diugh mun ìre aig a bheil goireasan banca a' crìonadh ann an Alba. Dhùin an treas cuid de mheuran banca ann an Alba anns na h-ochd bliadhna mu dheireadh a rèir an rannsachaidh as ùire bho WHICH?. Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba riaghladair a stèidheachadh airson dèanamh cinnteach gum bi daoine air choimeas airgead a tharraing nuair a tha e a dhìth orra agus an àireamh de dh'innealan ATM air tuiteam gu mòr cuideachd.

Balla na Crìche

Dh'òrdaich am Pentagon $1bn a chosg air togail phàirtean ùra den bhalla air a' chrìch ri Meagsago mar phàirt den èiginn nàiseanta a ghairm an Ceann-Suidhe Trump. Tha an Ceann-Suidhe a' dèanamh sin mar dhòigh air ùghdarras Còmhdhail nan Stàitean Aonaichte a sheachnadh agus cumail ri a ghealltanas aig àm an taghaidh gun togadh e balla.

Jack Shepherd

Thòisich èisteachd laghail ann an Georgia mu chùis Jack Shepherd a chaidh a dhìteadh airson bàs Charlotte Brown, a bha 24, ann an tachartas air Abhainn Thames ann an Lunnainn ann an 2015. Theich Shepherd, a tha 31, ach chaidh fhaighinn ciontach agus chaidh binn sia bliadhna sa phrìosan air. Tha dùil gun aontaich a' chùirt ann a Tbilisi Shepherd a thilleadh a Bhreatainn.

NHS na Gàidhealtachd

Thèid iarraidh an-diugh air Bòrd NHS na Gàidhealtachd gabhail ri cùis ghnothachais airson ionaid lannsa ùir ann an Inbhir Nis airson an leithid cruachain 's glùintean ùra agus cataractan. Thug Comhairle na Gàidhealteachd cead-dealbhachaidh dhan phlana aig toiseach na bliadhna. Tha dòchas ann le ionad ùr nach bi euslaintich a' feitheamh cho fada agus nach tig orra a bhith a' siubhal gu ruige meadhan na h-Alba.

Coinneamhan ChalMac

Tha coinneamhean poblach an-diugh agus a-màirerach a' gabhail beachd air dè seòrsa leasachaidh a tha a dhìth aig cidheachan Mhalaig agus Armadail. Tha CMAL a' dèanamh an rannsachaidh os leth Còmdhail Alba agus iad a' toirt cothrom dhan mhòr-shluagh innse dè na goireasan a tha a dhìth. Tha a' choinneamh an-diugh ann an Slèite aig An Crùbh, tha sin eadar 4:00f agus 7:00f agus tha a' choinneamh a-màireach sa West Highland Hotel ann am Malaig, a-rithist eadar 4:00f agus 7:00f.