Dòchas mu ionmhas NHS na Gàidhealtachd

Uard Ospadail

A dh'aindeoin coltas gum bi NHS na Gàidhealtachd thairis air a' bhuidseat aca am-bliadhna a-rithist, mu £17m an turas seo, tha dòchas ann gun gabh na leabhraichean cunntais cothromachadh.

Gheall Riaghaltas na h-Alba fiachan na bliadhna an-uiridh, na bliadhna seo agus na h-ath-bhliadhna a dhùbhadh às.

Thuirt stiùiriche an ionmhais eadar-amail NHS na Gàidhealtachd, Dàibhidh Garden, gur e suidheachadh "Dòrainneach" a bh' ann.

Dh'innis an Cathraiche eadar-mail, Boyd Robasdan, dhan bhòrd slàinte Dimàirt gu bheil plana aca a-niste 'son cùisean an ionmhais a chur ceart.

"'S e suidheachadh doirbh a th' ann, cha chanainn 's dòcha gu bheil e dòrainneach, ach tha e doirbh, agus bidh e doirbh, agus cha bhi e furasta fhuasgladh cuideachd.

"Ach tha plana againn a ruitheas thar trì bliadhna, agus le taic bho dhaoine bhon taobh a-muigh mar an Riaghaltas, a th' air oifigearan a thoirt dhuinn a nì cuideachadh leinn an seo, a' toirt dhuinn sgilean nas fharsainne agus eòlas nas fharsainne air dòighean obrach.

"Agus tha sinn cuideachd an lùib bhòrd eile agus a' faighinn a' chothruim an t-eòlas a th' acasan a chleachdadh.

"Mar sin bidh sinn a' tighinn thuige mean air mhean, ach feumaidh sinn plana a chur air dòigh anns an aithghearrachd.

"Mar thà tha sinn air luchd-comhairleachaidh a thoirt a-steach, agus bidh iadsan a' coimhead air gach meur den obair anns a bheil am bòrd slàinte an sàs airson cothroman fhaicinn air sàbhalaidhean a dhèanamh.

"Agus tha iad mar thà air tòiseachadh air feadhainn dhiubh sin a mhothachadh, agus bidh sinn a' togail air an obair sin.

"Feumaidh sinne an suidheachadh againn fhìn a chur ceart a thaoh ionmhais, gus am bi e co-chothrom.

"Tha mi cinnteach gun tachair e. Feumaidh e tachairt," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo