Chan atharraich làrach cidhe Armadail

Cidhe Armadail Image copyright John Armitstead/Geograph

Tha e nas coltaiche gun tèid cidhe Armadail san Eilean Sgitheanach a leasachadh, seach cidhe ùr a bhith air a thogail san sgìre, a rèir na chuala coinneamh ann an Slèite oidhche Mhàirt.

Tha a' chompanaidh CMAL, aig a bheil na bàtaichean agus cuid de na cidhichean a tha CalMac a' cleachdadh, an-dràsta a' cumail co-chomhairle air na bu chòir tachairt leis a' chidhe ann an Armadal, agus ann am Malaig, aig ceann eile na slighe aiseig.

Bhiodh seo airson 's gum biodh iad freagarrach do bhàtaichean-aiseig ùra, agus do bhàtaichean eile.

Chaidh diofar roghainnean a thaisbeanadh don choinneimh, aig a' Chrùbh ann an Dùisdeil, airson goireasan an aiseig ann an Armadal a leasachadh, eadar a bhith ga ghluasad gu tuath no gu deas, agus a' togail air fearann prìobhaideach, agus fiù 's far a bheil taighean-còmhnaidh dhaoine an-dràsta.

Taighean-còmhnaidh

Às dèidh na coinneimh ge-tà, is coltach gur e ùrachadh a dhèanamh far a bheil an cidhe a th' ann an-dràsta as coltaiche.

"Bha grunn roghainnean aca, agus tha sinn glè thoilichte gu bheil iad a-nise a' tighinn air ais a ràdh gur e an t-àite sa bheil an cidhe an-dràsta, gur e sin an t-àite as fhreagarraiche sam bith airson an leasachadh a tha seo a dhèanamh," thuirt cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach.

"Tha sinn glè thoilichte mu dheidhinn sin, bhon cha chuir e dragh air rud sam bith eile a tha a' dol anns an sgìre.

"Bha daoine an dèidh taighean mòra ùra a thogail air na làraichean a bha sin, agus bha e gu math tàmailteach leotha gun robh an rud a tha seo a' tighinn an-àirde, gun robh iad a' ciallachadh gun deadh àite ùr airson an aiseig a chur ann an sin.

"Ach chan eileas a' bruidhinn air sin a-nis idir.

"Tha an conaltradh ris a' choimhearsnachd a' tachairt ge-tà, dìreach a-nochd fhèin, agus feumaidh sinne a dhol air ais thuca, gu CMAL, dìreach leis na beachdan againn fhèin, agus dè an dòigh a bu fhreagarraiche air an rud a tha seo a chur air adhart," thuirt e.

Bha dragh air daoine gum biodh leasachadh air a' chidhe ro mhòr airson Armadail, 's gun leigeadh e a-steach soithichean mòra luchd-turais ris nach eil an t-àite ullaichte dèiligeadh.

STAG

Bha iad draghail cuideachd nach robh oifigearan bho CMAL air tighinn a bhruidhinn riutha mu na tha san amharc thuige seo.

Thuirt CMAL ge-tà, le bhith a' leantainn a' phròiseas an lùib sgrùdaidhean STAG (Scottish Transport Appraisal Guidance) tro Chòmhdhail Alba, 's e tachartasan leithid na chaidh a chumail an Slèite oidhche Mhàirt an t-àite ceart do mhuinntir na coimhearsnachd a bhith a' tighinn air adhart le draghan agus molaidhean.

"'S e as coireach gu bheil STAG air a bhith a' smaoineachadh air taobh a-muigh a' bhocsa, agus 's ann mu ìre àrd dha-rìribh a tha e," thuirt Lorna Spencer, aig CMAL.

"Chan àbhaist dhuinn a bhith a' coimhead ri cò leis a tha fearann. 'S ann a thigeamaid air adhart le roghainnean aig ìre gu math àrd.

"'S e pròiseas foirmeil tron tèid sinn, agus tha e a' leantainn dhan ath-ìre de leasachadh na cùise gnothachais.

"Tha sinn air mòran obrach a dhèanamh mar thà leis a' bhuidhinn stiùiridh.

"'S e seo an ath-cheum sa phròiseas, far am bruidhinn sinn ris a' phoball, 's gum faigh sinn na beachdan acasan.

"Thèid sin a chur air ais dhan phròiseas, thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air, agus bhiodhmaid an dòchas an aithisg dheireannach a bhith againn tràth sa Chèitean," thuirt i.

Thèid an aon sheòrsa coinneimh a chumail feasgar Diciadain ann am Malaig, a' coimhead ris na diofar mholaidhean airson an cidhe air an taobh sin den aiseag a leasachadh.