Rannsachadh poblach air tuath-gaoithe

Crann-gaoithe

Thèid rannsachadh poblach ionadail a dhèanamh air planaichean airson tuath-gaoithe faisg air Farrais, ann am Moireibh.

Aig coinneimh Dimàirt, chuir comhairlichean an aghaidh nam planaichean aig Force Nine Energy airson 58 crann a thogail aig Clais Ghobhair.

Bha oifigich a' moladh cead a dhiùltadh do na planaichean.

Bha iad ag ràdh gum biodh coltas na dùthcha air atharrachadh leis an tuilleadh chrann, agus gu leòr aca ann mar thà.

Nì an Riaghaltas co-dhùnadh deireannach air a' chùis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo