Riaghaltas na h-Alba fo ìmpidh mu stailc luchd-iùil phlèanaichean

Plèana a' laighe
Image caption Tha dragh ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig stailc air luchd-siubhail sna h-eileanan

Tha comhairliche eileanach ag iarraidh gun gabh Riaghaltas na h-Alba ceumannan airson stailc luchd-iùil nam plèanaichean sa Cheann a Tuath a sheachnadh.

Bhòt buill an aonaidh Prospect a tha ag obair do Chompanaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) airson stailc an dèidh dhaibh àrdachadh pàighidh 2% a dhiùltadh an-uiridh.

Tha còmhraidhean eadar an t-aonadh agus HIAL le taic na buidhne rèiteachaidh, ACAS, a' leantainn feuch am faighear gu aonta a riaraicheas gach taobh ron 26mh den Ghiblean, a' chiad là stailce san amharc aig an luchd-obrach.

Tha Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach eil gnothaichean aig an ìre seo a' coimhead ro dhòchasach.

Tha Ùisdean Robasdan air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba gnothach a ghabhail ris a' chùis.

Riaghaltas na h-Alba

"Cha robh foir agam-sa gun robh na còmhraidhean againn le HIAL gun robh an dàrna leth den airgead a bha iad a' faighinn gur ann on Riaghaltas a bha e a' tighinn.

"Tha sin a' ciallachadh gum feum iad cumail ris na targaidean a bheir an Riaghaltas dhaibh a thaobh mar a phàigheas iad luchd-obrach.

"Tha e gu math draghail dhuinne gu h-àraid a' fuireach ann an eileanan ma thachras dad mar seo.

"Tha sinn an urra ris na seirbheisean adhair agus aiseig agus bhiodh e gu math draghail dhuinn mura tig iad gu aonta, agus tha mi a' smaoineachadh gum feum an Riaghaltas fhèin làmh làidir a ghabhail a-staigh dhan dol air adhart a tha seo," thuirt an Comh. Robasdan.

HIAL

Tha HIAL air ceumannan a ghabhail airson buaidh na stailce a lùghdachadh ma thèid e air adhart.

Chan eil iad a' reic thiceadan tuilleadh airson an là sin agus tha iad a' toirt cothruim do luchd-siubhail seirbheis eile a chleachdadh gun chosgais a bharrachd.

Tha an luchd-iùil cuideachd a' bagairt nach dèan iad uairean obrach a bharrachd bhon 1mh den Ghiblean agus airson agus nach bi cus buaidhe aig an sin air luchd-siubhail tha clàran-ama cuid de sheirbheisean air atharrachadh.