Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 Am Màrt 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Feuchaidh Buill-Phàrlamaid ri fuasgladh fhaighinn air staing Bhrexit an-diugh le sreath bhòtaichean air diofar roghainnean seach aonta Theresa May. Tha iad ag amas air slighe air adhart ris an cuireadh a' mhòr-chuid taic. Ach rinn an Riaghaltas follaiseach a-rithist nach fheum iad gabhail ris na co-dhùnaidhean sin. Tha beachd ann gum faodadh Theresa May là ainmeachadh air am fàg i a dreuchd agus i a' feuchainn ri taic Thòraidhean fhaighinn nam biodh an treas bhòt ann air an aonta aicese. Thuirt an DUP, a tha an aghaidh aonta a' Phrìomhaire, nach eil dad air atharrachadh, nam beachd-san.

SNP

Tha dùil gun iarr Pàrlamaid na h-Alba an-diugh cur às do Bhrexit gu lèir. Cuiridh an SNP taic ris na h-Uainich a tha a' moladh cur às do dh'Artaigil 50 mura bi cothrom ann air referendum eile. Ach chan eil seasamh neo cumhachd sam bith aig co-dhùnadh na bhòta.

Teicneòlas Casg-astair Chàraichean

Bidh innleachd a' cur casg-astair air a h-uile càr ùr a thèid a reic san Aonadh Eòrpach bho 2022 fo riaghailtean a tha an EU a' moladh. Cumaidh an teicneòlas càr ris an astair a tha ceadaichte a rèir agus dè an rathad neo sràid air a bheil e a' siubhal. Tha e coltach ge bì dè an taobh a thèid Brexit gum bi an dearbh rud a' tachairt san Rìoghachd Aonaichte.

NHS na Gàidhealtachd

Tha dòchas ann gun gabh buidseat NHS na Gàidhealtachd cothromachadh a dh'aindeoin coltas gum bi iad mu £17m os a chionn am-bliadhna. Dh'innis an Cathraiche eadar-amail, Boyd Robasdan, dhan bhòrd gu bheil plana trì bliadhna ann a-niste airson cùisean an ionmhais a chur ceart an dèidh do Riaghaltas na h-Alba gealltainn cur às do dh'fhiachan na bliadhna an-uiridh, na bliadhna seo agus na h-ath-bhliadhna.

Stailc Luchd-iùil Itealain

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba feuchainn ri stad a chur air stailc a tha san amharc air an ath-mhìos aig luchd-obrach sheirbheis iùil an adhair. Chuir buill an aonaidh Prospect, a tha ag obair do Phuirt-Adhair na Gàidheatlachd 's nan Eilean, stailc air dòigh an dèidh àrdachadh pàighidh 2% a dhiùltadh. Dh'iarr Cathraiche Comataidh na Còmdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, air an Riaghaltas a dhol an sàs san eas-aonta.

Cidhe Armadail

'S e leasachadh air a' chidhe 's goireasan a th' ann an Armadal an-dràsta, seach cidhe ùr, as coltaiche a nì CMAL, dham buin bàtaichean-aiseig Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn agus feadhainn de na cidhichean. Tha leasachadh a dhìth ann an Aramdal agus ann am Malaig gus am freagair iad air bàtaichean-àiseig ùra ChalMac. Bha coinneamh fiosrachaidh ann an Slèite an-dè mu na diofar roghainnean agus tha coinneamh feasgar an-diugh ann am Malaig.