Mapaichean a' sealltainn fearainn a thugadh bhon t-Seann Shionnach

Mapa Image copyright Lovat Highland Estates Ltd
Image caption Mapa a rinn Peadar May fo òrdugh Choimiseanairean nan Oighreachdan Arbhartaichte .

Chaidh seann mhapaichean fhoillseachadh a tha a' sealltainn nan oighreachdan a bha uair fo smachd Chinn-feadhna Chlann MhicShimidh.

Tha grunn mhapaichean a rinneadh airson taic a thoirt don Riaghaltas Bhreatannach an dèidh dhaibh am fearann a thoirt bho theaghlach an reubaltaich Sheumasaich a-nis gan taisbeanadh gu poblach.

Tha iad am measg còrr air 400 mapa a bhuineas do dh'Oighreachd MhicShimidh ann an Siorrachd Inbhir Nis a chuir sgioba de luchd-obrach saor-thoileach ann an cruth didseatach, agus a tha iad a-nis rim faicinn air làrach-lìn Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

'S ann do Choimiseanaran nan Oighreachdan Arbhartaichte a rinneadh iad an dèidh dhaibh smachd a ghabhail air fearann Shìm Fhriseil, an 11mh Morair Lòbhat, a chaidh a dhì-cheannadh ann an Lunnainn ann an 1747 airson na taice a thug e don Phrionnsa Teàrlach Stiùbhairt.

Image caption Sìm Friseal, An 11mh Morair Lòbhat, an Seann Shionnach

B' e feallsanachd nan Coimiseanaran leasachadh àiteachais a dhèanamh agus gnìomhachasan ùra a thoirt a-steach a shochraicheadh muinntir an àite a bha gu mòr air taobh a' Phrionnsa.

Nuair a chaidh am fearann a thoirt air ais dhan teaghlach ann an 1774 chum iad orra a' dèanamh mhapaichean de thalamh eadar Inbhir Nis air an taobh sear agus Malaig air a' chosta an iar.

Chaidh an cleachdadh nuair a bhathar a' togail rathaidean, drochaidean, loidhne rèile Chinn a Tuath na Gàidhealtachd agus ceàrnag a' bhaile sa Mhanachainn.

Image copyright NOSAS
Image caption Fear de Mhapaichean Oighreachd MhicShimidh ga sganadh

Gu bho chionn ghoirid bha na mapaichean gan cumail ann an tasglann oighreachd Chlann MicShimidh. Bha cuid aca air nach deach coimhead fad bhliadhnaichean mòra.

Bha fhios aig Roland Spencer Jones, Cathraiche Comann Arceòlais Cheann a Tuath na h-Alba, cho cudromach 's a bha na mapaichean nuair a fhuair e cead sealltainn riutha fhad 's a bha e a' rannsachadh eachdraidh baile Urchanaidh, gu siar air a' Mhanachainn.

Thug e iognadh mòr dha nuair a bhuail e air cho sònraichte agus a bha iad.

"B' e tlachd mòr a bh' ann a bhith ag obair ann an oifis na h-oighreachd, a' fosgladh dhrathairean agus a' toirt a-mach mhapaichean.

"'S e obair ealain a th' ann air a dèanamh le làimhe, agus iad air an dealbhachadh agus air am peantadh cho grinn.

Image copyright Lovat Highland Estates Ltd
Image caption Tha na mapaichean a' sealltainn an fhearainn fo shealbh Chlann MhicShimidh air a' Ghàidhealtachd - leithid Manachainn MhicShimidh ri taobh Uisge Fharrair.

"Bha na sgilean a dh'fheumte airson an talamh a rannsachadh agus a mheas agus an uairsin mapa a dhèanamh air leth adhartach agus chaidh an toirt seachad bho luchd-ciùird gu preantasan.

Fhuair Mgr Spencer Jones gur e sàr neach-deilbh mhapaichean an Alba aig an àm, Peadar May, a rinn còig den fheadhainn as aosta sa chruinneachadh an dèidh ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745.

Bha grunn ainmean Gàidhlig orra a th' air a dhol à cuimhne dhaoine, ach tha an oighreachd a' feuchainn ri an cleachdadh as ùr air leasachaidhean ùra aca.

Dh'aontaich an oighreachd gum bu chòir cothrom a thoirt do dhaoine na mapaichean fhaicinn nuair a mhothaich iad cho cudromach 's a bha iad.

Tha Iain Shepherd na stìùiriche aig Oighreachd MhicShimidh far a bheil e air a bhith ag obair airson 27 bliadhna.

"Cha robh càil a dh'fhios agam cho cudromach 's a bha na mapaichean no cho aosta agus a bha cuid dhiubh.

"Tha e mìorbhaileach a bhith a' faicinn na th' againn de dh'fhiosrachadh. Bha obair mhòr an cois a bhith a' sganadh nam pàipearan ach b' fhiach e.

"Faodaidh tu a-nis a dhol a-steach ann gu dlùth agus craobhan fà leth fhaicinn cho math ri comharran nam bruisichean a rinn an duine a bha a' cruthachadh a' mhapa.

"'S e rud air leth feumail do dh'eachdraichean agus arceòlaichean a bhios ann. Bhithinn an dòchas gum beachdaich oighreachdan eile an aon rud a dhèanamh leis na mapaichean eachdraidheil acasan," thuirt e.

Thuirt Mgr. Shepherd gun robh ùidh mhòr aige sa phoileatags air cùl nam mapaichean a rinneadh an dèidh mar a chaidh ruaig air arm nan Seumasach aig Blàr Chùil Lodair; tha iad a' bruidhinn air an oighreachd a bhith mar phàirt de Bhreatainn a Tuath seach Alba.

Image copyright NOSAS
Image caption Chaidh leth-bhreacan didseatach de na mapaichean a dhèanamh airson agus gum faiceadh am poball iad .

Tha Crìsdean Fleet, neach-glèidhidh nam mapaichean aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ag aontachadh gun robh adhbhar poileataigeach agus eaconamach follaiseach airson nam mapaichean seo.

Thuirt e: "Tha measgachadh de dh'ealantas agus fiosrachadh saidheansail anns na ciad mhapaichean a rinn Peadar May.

"Bha ùidh mhòr aig a' Choimisean ann an leasachadh àiteachais, a' cur suas bhallachan, drèanadh agus a bhith a' leudachadh eaconomaidh stèidhichte air airgead ann an obair tuathanais na sgìre.

"Aig an t-àm sin air a' Ghàidhealtachd bha iad ag amas gu mòr air an eaconomaidh a leasachadh airson beachdan Sheumasach atharrachadh.

"Mar sin bha sgeamaichean airm ann mar Dhùn Deòrsa ann an Àird nan Saor a stèidheachadh, agus na h-oidhirpean a bh' ann airson feallsanachd nan Seumasach a mhùchadh a thaobh dualchais agus cleachdaidhean dhaoine.

"'S e bha am bòrd airson nan oighreachdan arbhartaichte airson a dhèanamh 's e gnìomhachasan ùra de gach seòrsa a bhrosnachadh gus am biodh an sluagh a' faireachdainn gum faigheadh iad buannachd na b' fheàrr às an sin seach bho na seann dòighean aca," mhìnich e.