Mallaig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachdan air cidhe Àrmadail

27 Am Màrt 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chualar aig coinneamh fiosrachaidh mu chidhe Àrmadail san Eilean Sgitheanach gur e a' leasachadh a' chidhe a th'ann an-dràsta as coltaiche, seach a bhith a' togail fear às ùr ann an àite eile.

Tha co-chomairle ga dhèanamh às leth CMAL an-dràsta mu chidhichean Àrmadail agus Mhalaig leis an amas an dèanamh nas freagarraiche do bhàtaichean-aiseig ùra ChalMac agus soithichean eile.

Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.