Baileat stailce òraidichean a' dùnadh

Òraidichean air stailc

Dùinidh baileat Diardaoin agus òraidichean colaiste a' bhòtadh air am bu chòir dhaibh leantainn nan iomairt airson pàigheadh nas fheàrr.

Tha na buill bho mheur den EIS mar thà air sreath de stailcean a chur air dòigh am-bliadhna.

Thuirt Comann Òraidichean Folghaim Àrd-Ìre an EIS gun deach àrdachadh pàighidh 2% a thairgsinn air na buill aca thairis air trì bliadhna.

Tha iadsan ag iarraidh àrdachaidh a bharrachd ge-tà.

Ach tha comann an luchd-fastaidh, Colaistean na h-Alba, ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid de dh'òraidichean air àrdachaidhean mòra fhaighinn sna bliadhnaichean mu dheireadh air sgàth aonta gus pàigheadh a dhèanamh co-ionnan air feadh na dùthcha.

Thuirt iad cuideachd gun deadh suim airgid a thòirt do dh'òraidichean sam bith nach d' fhuair àrdachadh mòr san tuarastal aca tron sgeama seo.

Bidh còmhraidhean a bharrachd ann Dihaoine.

Bu chòir gun tèid buil a' bhaileit fhoillseachadh Diardaoin no Dihaoine.

Ma bheir buill taic do dh'iomairt, meòraichidh an t-aonadh air an ath-cheum aca.

Aon rud a dh'fhodadh tachairt 's e gun cumadh òraidichean comharran measaidh bho oileanaich.