Cosgais mhòr mu choinneimh chala Mhalaig

Bàt-aiseig an Cala Mhalaig Image copyright Kenneth Allen/Geograph

Chosgadh leudachadh agus leasachadh air cidhe agus cala Mhalaig eadar £40m agus còrr air £100m.

Sin a chuala coinneamh sa bhaile oidhche Chiadain far an robh CMAL a' sireadh bheachdan air mar a tha na goireasan a' freagairt air muinntir an àite, agus le sùil cuideachd air na bhios a dhìth airson seirbheisean aiseig san àm ri teachd.

"Bha dhà no trì de dhiofar phlanaichean ann an siud agus tha iad gu math cosgail a' coimhead dhomhsa," thuirt Mìchael Currie, a tha a' fuireach ann a Malaig.

"Tha an t-uabhas de dh'airgead a dh'fheumas tighinn mun cuairt mus faigh iad air siud a chur ri chèile.

"Chan eil teagamh sam bith nach fheumar rudeigin a dhèanamh, tàilleabh tha gnothaichean a' fàs gu math teann ann an seo a thaobh meudachadh nam bàtaichean, agus chan eil e furasta dhaibh tighinn a-steach dhan chala idir dìreach ma tha a' ghaoth on iar no sgath den t-seòrsa siud tha iad gu math eagallach.

"Mar as motha na bàtaichean chan eil e furasta dhaibh tionndadh 's a dhol a-mach a-rithist.

"Tha na bàtaichean a th' aca (CalMac) an-dràsta a' fàs cho sean 's gum feum iad bàtaichean ùra fhaighinn, agus bàtaichean eile feumaidh iad a bhith freagarrach - 's feumaidh iad a bhith mòr gu leòr cuideachd.

"Bha mise an sàs anns a' chala an seo airson 30 bliadhna, agus uair sam bith a chuir sinn plana suas, a h-uile bliadhna, dh'fhaodadh tu £5m no £10m a chur uachdar a h-uile sgath a rinn thu. Bha a' phrìs a' dol suas cho luath sin.

"Mar as luaithe a nì iad 's ann as fheàrr, 's ann nas saoire a bhitheas e," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo