Toradh bhradan Mowi sìos gu mòr

Bradan Albannach Image copyright Getty Images

Dh'fhoillsich a' chompanaidh àrach bhradain as moth an Alba, Mowi, gun tàinig lùghdachadh mòr air na tha iad a' cur a-mach de bhradan, 's iad a' coireachadh mhialan mara gu ìre mhòir.

Tha a' chompanaidh Nirribheach, a b' àbhaist a bhith fon ainm Marine Harvest, ag ràdh gun do thuit cuideam an èisg aig na làraichean aca an Alba 36% an-uiridh.

Tha sin a' fàgail gun deach nas lugha na 39,000 tunna de bhradan ghiollaichte a dhèanamh an Alba an-uiridh.

Thuirt iad gun robh toradh bhradan na dùthcha gu lèir sìos 13%, aig 138,000 tunna.

Iasg Glanaidh

Chaidh am fiosrachadh fhoillseachadh ann an aithisg bhliadhnail na companaidh.

Fhad 's a thuit an cuideam an Alba, chunnacas fàs beag aig na làraichean aca ann an Nirribhidh agus ann an Chile.

Thuirt iad nach deach uimhir de bhradan òg a chur ris an stoc aca an Alba an dèidh "ghnothaichean bith-eòlasach" (biological issues) a dh'fhaodadh a bhith a' ciallachadh mhialan mara no tinneas.

Ach tha Mowi ag ràdh gun robh, ro dheireadh na bliadhna an-uiridh, piseach a' tighinn san fharsainneachd air na bha de dh'iasg a bha a' tighinn beò, agus gun robh deagh smachd ga chumail air mialan mara, le bhith a' fàgail cheidsichean falamh, am measg dhòighean eile.

Tha an aithisg cuideachd a' togail air draghan cheannardan na companaidh mu bhith a' cleachdadh èisg nas lugha, leithid na muice-creige, a bhios ag ithe nam mialan mara far chraicinn a' bhradain anns na ceidsichean.

Tha dragh ann gun toir a bhith a' glacadh an èisg ghlanaidh seo buaidh air stocan nàdarra, 's gun tèid am peanasachadh ri linn sin.