Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 Am Màrt 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha an Riaghaltas a' feuchainn ri feadhainn a tha an aghaidh aonta Bhrexit Theresa May an-dràsta a thoirt dhan taobh an dèidh dhan Phrìomhaire gealltainn gum fàg i a dreuchd ma ghabhas Taigh nan Cumantan ris an aonta sin. Dh'fhaillich air na Buill-Phàrlamaid an-raoir gabhail ri gin de na h-ochd roghainnean eile airson Bhrexit 's tha ministearan an Riaghaltais ag ràdh gur e aonta a' Phrìomhaire an aon shlighe a th' air fhàgail. Tha an DUP ag ràdh fhathast nach cuir iad taic ris.

Gràin an aghaidh Iùdhach

Chuir Poilis dithis an grèim 's iad a' rannsachadh chasaidean mu bhuill anns a' Phàrtaidh Làbarach ri gràin air Iùdhaich air na meadhanan sòisealta. Tha an dithis fhear nan 50an. Chaidh an saoradh fhad 's a tha rannsachadh a' dol air adhart. Chuir am Pàrtaidh Làbarach fàilte air an naidheachd gun deach dithis a chur an grèim.

Cosgaisean Tiodhlacaidh

Tha rannsachadh farsainn a' tòiseachadh mu chosgaisean tiodhlacaidh. Tha dragh air Ùghdarras na Farpais agus na Margaidh gu bheil cuid de na companaidhean a tha a' stiùireadh thiodhlacaidhean a' gabhail brath air feadhainn, leis nach eil plana nan cosgaisean aca follaiseach.

Cala Mhalaig

Chaidh innse do choinneimh ann am Malaig gun cosgadh leudachadh agus leasachadh air cidhe 's cala a' bhaile eadar £40m agus £100m. Bha CMAL, dham buin bàtaichean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn agus feadhainn de na cidhichean, a' sireadh bheachdan mhuinntir an àite air mar a tha na goireasan ann am Malaig an-dràsta a' freagairt air muinntir a' bhaile, agus le sùil cuideachd air na bhios a dhìth airson seirbheisean aiseig anns an àm ri teachd.

Ionad Hiort

Gheibh muinntir Uibhist cothrom a-nochd air an fhiosrachadh as ùire air a' phlana airson ionad Hiort ann an Uibhist a Tuath. Tha e fon aon bhratach ris na h-ionadan a tha san amharc ann an Leòdhas agus anns na Hearadh. Tha a' choinneamh sin ann an Taigh Sgìre Sholais a-nochd eadar 7:00f agus 9:00f.