Cùmhant airson port fànais a dhealbhachadh

Sgìre na Mòine Image copyright David Glass/Geograph

'S iad a' chompanaidh ailtireachd, NORR Consultants, a bhios os cionn na h-obrach gus port fànais a dhealbhachadh ann an Dùthaich MhicAoidh.

Bidh dà chompanaidh eile an sàs anns a' phròiseact cuideachd.

Tha luach còrr air £17m anns na planaichean airson port fànais a thogail ann an sgìre na Mòine, air costa tuath na Gàidhealtachd.

'S iad Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean a tha an ceann a' phròiseict.

Tha NORR Consultants stèidhichte an Dùn Èideann, ach tha oifisean aca ann an Inbhir Nis.

Bidh iadsan an urra ris na planaichean fhèin a dhealbhachadh.

Bidh ge-tà, dà chompanaidh eile ag obair còmhla riutha.

Tha sgìre shònraichte anns a' Mhòine, agus inbhe SSSI aice air sgàth nam beathaichean agus lusan a tha ri lorg innte.

Thuirt HIE gu bheil iad an dòchas iarrtas cead dealbhachaidh a chur a dh'ionnsaigh na Comahirle as t-Samhradh.

Ma shoibhicheas leotha, dh'fhaodadh gun tòisich an obair togail an ath-bhliadhna.