Draghan ùra mu chùis Chaoimhin MhicLeòid

Caoimhin MacLeòid

Tha teaghlach an duine a fhuaireadh marbh ann an Cala Inbhir Ùige bho chionn 22 bhliadhna air draghan ùra a nochdadh mu mar a thathas a' dèiligeadh ris a' chùis.

Tha teaghlach Chaoimhin MhicLeòid riamh air a bhith a' cumail a-mach gun deach a mhurt.

Chaidh corp Chaoimhin MhicLeòid, a bha 24, a lorg ann an Cala Inbhir Ùige sa Ghearran, 1997.

Bha na Poilis den bheachd gur e tubaist a bh' ann, is nach robh dad amharasach mun chùis.

Ach dh'aidich Poilis bho chionn dà bhliadhna gun robh uireasbhaidhean anns an rannsachadh a rinneadh bho thùs, is thabhainn iad leisgeul air an teaghlach.

Tha an teaghlach a-nise ag ràdh gu bheil draghan ùra orra a thaobh mar a nochd neach an-uiridh gun robh fiosrachadh ùr aca mun chùis.

Thug na Poilis fiosrachadh dha Oifis a' Chrùin is Seirbheis Luchd-Casaid a' Chrùin bho chionn sia mìosan.

Tha teaghlach Chaoimhinn MhicLeòid ag ràdh gu bheil iad 'son faighinn a-mach an tèid duine a chur an grèim.

Thuirt Oifis a' Chrùin gu bheil iad a' cumail fios ris an teaghlach.