Stuthan cunnartach gan cur an grèim

Comhairle nan Eilean Siar

Chuir roinn inbhean malairt Comhairle nan Eilean Siar às de stuthan cunnartach a chaidh a thoirt bho dhaoine a bha a' reic rudan air starsaich dhaoine an-uiridh.

Bha luach còrr air £1,000 anns an stuth, leithid ghineadairean agus innealan glanaidh.

Chaidh cur às de na h-innealan air an d' fhuair na Poilis agus Roinn nan Inbhean Malairt grèim, aig ionad sgudail na Comhairle ann am Beinn na Dròbh, agus chaidh a' mheatailt a chur air falbh gu Tìr-Mòr airson ath-chuairteachaidh.

Thuirt an Inspector Sine NicNeacail bho Phoileas Alba gu bheil e cudromach nach bi daoine a' ceannach rudan bho dhaoine a thig chun an taighe aca gun iarraidh, agus ma tha iomagain orra mun deidhinn, gum bu chòir dhaibh fònadh gu na Poilis air an àireamh fòn 101.

Thuirt an Comh. Kenny John MacLeòid bho Chomhairle nan Eilean Siar gum faodadh innealan, nach eil a' cumail ri riaghailtean sàbhailteachd, daoine a ghoirteachadh no fiù 's a mharbhadh.