Mì-thoileachas mu dhàil fiaclaireachd Uibhist

Fiaclaireachd Image copyright PA

Tha Bòrd Cùraim agus Slàinte nan Eilean Siar mì-thoilichte gu bheil iad còrr air bliadhna a-niste a' feitheamh ri co-dhùnadh mu chruth sheirbheisean fiaclaireachd Uibhist.

Tha moladh ann 'son aon ionad ann am Baile a' Mhanaich airson na sgìre eadar Èirisgeigh agus Beàrnaraigh - rud nach eil mòran ag iarraidh.

Leis gun robh sgaradh leth mu leth sa bhòrd aig bhòt sa Ghearran an-uiridh, chaidh an co-dhùnadh fhàgail aig àrd-oifigearan NHS nan Eilean Siar agus na Comhairle, ach cha tàinig guth bhuapasan fhathast.

"Chan eil e math gu leòr, agus an aithisg a bh' aig a' bhòrd bho chionn bliadhna, ged a bha sinn ceangailte anns a' bhòt, bha sinn a' lùigeadh gun tigeadh co-dhùnaidhean gu math aithghearr às dèidh sin," thuirt Kenny John MacLeòid, Cathraiche Bhòrd a' Chùraim agus na Slàinte.

"Agus bha sinn a' faicinn sinn fhìn bliadhna sìos an t-slighe, agus gun co-dhùnadh air tighinn thuige.

"Ach cha b' urrainn dhan Bhòrd an còrr a dhèanamh. Bha e an urra ris na h-àrd-oifigearan aig a' Bhòrd Slàinte agus aig a' Chomhairle a thighinn còmhla airson feuchainn ri slighe air adhart fhaighinn," thuirt e.