Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 Am Màrt 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha deasbad ann an Taigh nan Cumantan an-dràsta ro bhòt feasgar air aonta Bhrexit air an là a bha an Rìoghachd Aonaichte ri falbh às an Aonadh Eòrpach. 'S e seo an treas uair a chaidh iarraidh air Buill-Phàrlamaid taic a chur ri aonta Theresa May, a tha iad air a dhiùltadh dà thuras mar thà. Chan eil iad a' bhòtadh an-diugh, ge-tà, ach air leth dheth, an t-Aonta Dealachaidh. Mura gabh iad ris an-diugh, is le coltas nach gabh, 's e Brexit gun aonta as coltaiche air an 12na là den Ghiblean, no dàil gu math nas fhaide.

New Zealand

Bha còrr is 20,000 duine aig seirbheis chuimhneachaidh nàiseanta ann an New Zealand dhan 50 duine a chaill am beatha anns na h-ionnsaighean ceannairc air dà mhosg ann an Christchurch bho chionn cola-deug. Thuirt am Prìomhaire, Jacinda Ardern, gu bheil cothrom ann a-niste cùl a chur ri gràin cinnidh is gràin creidimh.

Fiaclaireachd Uibhist

Tha Bòrd Cùraim is Slàinte nan Eilean Siar mì-thoilichte gu bheil iad còrr is bliadhna a-niste a' feitheamh ri co-dhùnadh mu chruth sheirbheisean fiaclaireachd Uibhist. Tha moladh ann airson aon ionad ann am Baile a' Mhanaich airson na sgìre eadar Èirisgeigh agus Beàrnaraigh - rud nach eil mòran ag iarraidh. Leis gun robh sgaradh, ge-tà, leth mu leth, anns a' Bhòrd aig bhòt anns a' Ghearran an-uiridh, chaidh co-dhùnadh an uair sin fhàgail aig àrd-oifigearan NHS nan Eilean Siar agus na Comhairle, ach cha tàinig guth bhuapasan fhathast.

An t-Òban

Tha e nas coltaiche a-niste gum bi urras puirt anns an Òban. Tha an cidhe, cala agus bàgh an Òbain a' sìor fhàs trang bho chionn beagan bhliadhnaichean, 's bha beachd ann gun gabhadh CMAL smachd air cùisean. Ach bha feadhainn nach robh ag iarraidh sin. Ach chaidh dearbhadh aig coinneimh san Òban an-raoir gu bheil taic ann airson urrais.

Rangers

Chaidh duine a chur an grèim an dèidh ionnsaigh air leas-mhanaidsear Rangers, Gary McAllister, ann an Leeds air an deireadh-sheachdain seo chaidh. Thuirt Poilis West Yorkshire gun deach fear a tha 32 bhliadhna de dh'aois, a chur an grèim an-raoir, agus gun deach a shaoradh on uair sin fhad 's a tha rannsachadh a' dol air adhart.