MPA do chreachainn teine

Creachann Teine
Image caption Rinneadh milleadh mòr air an làraich le obair-dreidsidh ann an 2017.

Thèid dìon maireannach a chur air colonaidh de chreachainn teine ann an Loch Carrann.

Chuir ministearan Albannach casg rè-ùine air dreidseadh airson chreachann ann an Loch Carrann ann an 2017, an dèidh do dh'obair-dreidsidh airson seòrsa eile de chreachainn - an t-seòrsa a bhios daoine ag ithe - milleadh mòr a dhèanamh air an làraich.

'S e a' cholonaidh as motha san t-saoghal de chreachainn teine a th' ann.

Fhuair dàibhearan a thadhail air an làraich - a tha na h-àite àraich do chreachainn - fianais gun deach dreidseadh "dìan" a dhèanamh oirre.

Chaidh fhoillseachadh a-nist gun tèid Sgìre Ghlèidhte Mhara (MPA) a chur an sàs ann an Loch Carrann air an 19mh là den Chèitean.

Fàgaidh sin nach bi cead idir aig iasgairean tràlaidh no dreidsidh a bhith ag obair ann.

Chuir luchd-glèidhteachais fàilte air an naidheachd, ach thug iad rabhadh seachad gu bheil mòran làraichean cugallach eile air grunnd na mara air nach eil dìon.