Leudachadh aig Bun Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Tha soirbheas Bun Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a' fàgail gun tèid togalach eile a chur rithe, ach tha rabhadh ann nach bu chòir dha a bhith na freagairt mhaireannach.

Tha 10 bliadhna on chaidh Bun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh.

Chaidh a dhealbhachadh airson 200 sgoilear agus 30 pàiste san sgoil-àraich.

Tha àireamh nan sgoilearan air èirigh gu ìre agus gu bheil i ro làn; tha 225 sa sgoil, le 70 san sgoil-àraich.

Airson dèiligeadh ris an àrdachadh seo tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh cead airson togalach eadar-amail dhan sgoil-àraich air an làraich.

Tha dragh air cuid de phàrantan, ge-tà, gun tèid a chleachdadh mar fhreagairt mhaireannaich.

Sgoil ùr

Tha clann aig Calum MacLeòid san sgoil agus tha esan am measg an fheadhainn a tha ag iarraidh sgoile ùir.

"Feumaidh sinn cumail a' bruidhinn ri Comhairle na Gàidhealtachd agus dèanamh cinnteach ann an còig bliadhna gum bi strì fhathast ann airson sgoil ùir ann an Inbhir Nis," thuirt e.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd ge-tà gu bheil iad a' beachdachadh air na roghainnean a th' aca a thaobh a bhith a' dèiligeadh ri gainnead rùm, an dà chuid an-dràsda fhèin agus san ùine fhada.

Thuirt iad gum bi tuilleadh chòmhraidhean agus co-chomhairleachadh ann le pàrantan fhad 's a tha sgrùdadh a' dol, agus gun tèid fios a chumail ri na comataidhean comhairle.

Tha ceistean air nochdadh cuideachd mu na tha ri fhaighinn do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Nis aon uair 's gu bheil na sgoilearan air an sgoil fhàgail.

Lèirsinn

Tha Jim Whannel na Chathraiche Comataidh an Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig.

"Tha sin rudeigin nàdarrach a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn seirbheis foghlaim tro Ghàidhlig an àite a bhith dìreach a' smaoineachadh mu dheidhinn rudeigin a bhith a' tachairt san sgòil-àraich neo sa bhun-sgoil neo san àrd-sgoil.

"Tha sinn a' sùileachadh gum bi Alba a'ruith sheribheisean foghlaim tro Ghàidhlig agus, mar sin dheth, tha mi cinnteach gur e sin a bhios a' tachairt san àm ri teachd," thuirt e.

Tha cuid de phàrantan Inbhir Nis ag ràdh gun cuireadh iad taic ri feallsanachd mar sin.

"'S e an rud a b'fheàrr leinne, feadhainn de na pàrantan, gum biodh bun-sgoil agus àrd-sgoil Ghàidhlig ann air an aon làraich.

"'S dòcha nach tachair sin ach fiù 's sgoil Ghàidhlig ùr ann an Inbhir Nis airson na bun-sgoile, bhiodh sin na b'fheàrr buileach," thuirt Calum MacLeòid.