Dragh mu fhireannach le dementia a th' air chall an Ratharsair

Alistair Lovie Image copyright Police Scotland

Tha na Poilis ag ràdh gu bheil iad draghail mu na dh'èirich do dhuine a tha a dhìth ann an Ratharsair.

Chaidh Alasdair Lovie, 73, a tha a' fulang le seargadh inntinn, fhaicinn mu dheireadh a' coiseachd faisg air seann mhèinn tuath air Inbhir Àrois mu 11:00m Là na Sàbaid.

Bha heileacoptair nam Maor-Cladaich an sàs san iomairt, agus tha dùil gum bi na buidhnean cobhair a-muigh Diluain a-rithist.

Tha e mu 5'8" de dh'àirde, le falt donn agus sùilean gorma.

Bha seacaid dhubh, briogais denim, geansaidh dearg agus ad dhubh air nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh.

Tha oifigich den bheachd gur dòcha gun deach e air chall agus tha iad a' sireadh fiosrachaidh bho dhaoine a dh'fhaodadh a bhith air fhaicinn.

Thuirt an Sairdseant Dàibhidh Canning:"Tha Alasdair an ìre mhath fut ach dh'fhaodadh e a bhith troimhe chèile.

"Tha mi ag iarraidh air daoine a bha a-muigh a' coiseachd ann an Ratharsair no a tha a' fuireach san sgìre agus a chunnaic Alasdair fios a chur dha na Poilis air 101."