£100,000 gach bliadhna ga lorg 'son dachaigh cùraim

Dachaigh Cùraim Howard Doris
Image caption Tha e a' cosg £500,000 a h-uile bliadhna Dachaigh Cùraim Howard Doris a ruith.

Thòisich iomairt airson ionmhas bliadhnail a lorg do dh'Ionad Cùraim is Slàinte Howard Doris ann an Loch Carrann.

Chaidh an goireas a stèidheachadh bho chionn 30 bliadhna le còrr agus £400,000 a dh'fhàg Urras Howard Doris nuair a dhùin gàradh ola Chiseorn a bha fo shealbh na companaidh innleadaireachd.

Ged a tha an NHS a' cur ris tha an t-ionad a' crochadh gu mòr air taic phoblaich agus cosgaisean air èirigh gu £500,000 gach bliadhna.

Tha Ina NicCoinnich am measg na tha a' cur taic ris gu saor-thoileach.

Tha i cuideachd air a bhith ann na h-euslainteach ceithir tursan an dèidh dhi a bhith san ospadal.

"Tha e mìorbhaileach. Cha b' urrainn dhomh càil ceàrr a ràdh mu dheidhinn, agus tha e a' toirt cosnaidh dha na boireannaich a tha timcheall, tha e a' toirt cosnaidh dhan cheathrar òigridh a th' air an sgoil fhàgail.

"An là a dhùineas na dorsan seo 's e là bochd a bhios ann ann an Loch Carrann, air a' Chomraich, ann an Toirbheartan, ann an Sìldeag, anns a h-uile h-àite a tha timcheall," thuirt i.

Image caption Tha iomairt a' dol a chuidicheas le cosgaisean ruith an ionaid.

Tha buidheann san sgìre air iomairt a chur air bhonn airson £100,000 a chruinneachadh a h-uile bliadhna a thèid a chur ris an taic-airgead phoblaich a gheibh an t-ionad.

Tha Ina NicCoinnich a' gabhail ris gur e suim mhòr a tha sin.

"Tha an t-àite seo on chaidh fhosgladh tha e beannaichte," thuirt i.

"Jackie Ross bochd nach maireann, bhiodh e an-còmhnaidh a' cantainn nam biodh e a' lorg airgid, no càil den t-seòrsa sin, "the Lord will provide".

"'S e seann bhaile a tha seo, suas ri mìle duine ann, agus chan eil òigridh mar sin ann.

"Tha tòrr dhaoine aosta ann agus b' fheàrr leinn barrachd fhaichinn a' tighinn a-steach còmhla rinn agus an t-àite a chleachdadh agus a dhèanamh mar gur ann leotha fhèin a bha e bhon tha thu di-beithte an seo às b' e cò às a tha thu no cò thu," thuirt i.