Rabhadh do luchd-siubhail adhair aig tuath

Itealan a' laighe
Image caption Cha dèan buill an aonaidh Prospect uairean a bharrachd ma tha seirbheisean air dheireadh.

Cha dèan luchd-iùil phlèanaichean Companaidh Phort Adair na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIAL) uairean obrach a bharrachd agus dh'fhaodadh sin buaidh a thoirt air seirbheisean.

Tha buill an aonaidh Prospect a' tòiseachadh iomairt obrach Diluain an dèidh dhaibh àrdachadh pàighidh de 2% a dhiùltadh.

Fo na dh'aontaich iad cha dèan iad uairean a bharrachd ma tha seirbheisean air dheireadh.

Tha e mar phàirt den iomairt aca airson àrdachadh thuarastail.

Cùmhnantan obrach

Tha an t-aonadh ag ràdh gu bheil pàigheadh an cuid bhall mòran nas lugha na tha luchd-iùil san roinn phrìobhaidich a' cosnadh.

Ach tha HIAL, a tha fo shealbh Riaghaltas na h-Alba, ag ràdh gum feum iad cumail ri poileasaidh an riaghaltais a thaobh cùmhnantan obrach agus ìrean pàighidh.

Tha an luchd-iùil cuideachd a' bagairt sreath làithean stailc, a' tòiseachadh air 26mh den Ghiblein.

Thuirt HIAL gum biodh seachd de na puirt adhair aca dùinte an latha sin - Inbhir Nis, Steòrnabhagh agus Beinn nam Faoghla nam measg.