Gealltanas seirbheis nurs làn-ùine do Ratharsair

Ratharsair Image copyright AFP

Chaidh barrantas a thoirt do mhuinntir Ratharsair gum faigh iad seirbheis nurs a là agus a dh'oidhche.

Tha ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, ag ràdh gun tàinig an gealltanas bho Àrd-Oifigear NHS na Gàidhealtachd, Iain Stiùbhart, agus gum faca muinntir an eilein cùmhnant na h-obrach, ged a dh'fheumas an NHS na h-uimhir a rèiteach fhathast.

Tha Ratharsair air a bhith faisg air ceithear bliadhna gun chùram slàinte 24 uairean stèidhichte air an eilean.

Rinn iad fhèin iomairt mhòr airson an t-seirbheis fhaighinn air ais. Chuir iad sanas a-mach a' moladh caitheamh beatha an eilein, ach cha deach leotha.

Cha motha a shoirbhich le NHS na Gàidhealtachd neach-altraim fhastadh dhan eilean aig e bheil sluagh de 200 duine.

Tha Ceit Fhoirbeis ag ràdh gur e prìomhachas a th' air a bhith ann dhi seirbheis fad 24 uair de thìde fhaighinn dha na h-eileanaich on chaidh a taghadh mar Bhall-Phàrlamaid Albannach.

"Thug seo ùine mhòr ach, mu dheireadh thall, tha fuasgladh air fàire.

"Tha sinn air a bhith a' strì airson seirbheisean taobh a-muigh nan uairean obrach àbhaisteach on chaidh mo thaghadh agus tha e air a bhith air mullach a' chlàr-ghnothaich agam on uairsin.

"Ma tha seo na fhaochadh dhomhsa, smaoinich air na bhios e a' ciallachadh don luchd-còmhnaidh.

"Tha rudan rin ullachadh agus rin cur an sàs fhathast ach chan eil teagamh nach eil NHS na Gàidhealtachd air an cùrsa atharrachadh air seo.

"Tha an t-Àrd-Oifigear ùr air diofar mòr a dhèanamh ann an ùine gu math goirid.

"Tha gainnead seirbheis nursaidh làn-ùine aig Ratharsair air a bhith na chùis shàrachail dhomh leis gum faodadh e a bhith air a rèiteach cho furasta nan robh miann aig NHS na Gàidhealtachd sin a dhèanamh.

"Cha dèan mi gàirdeachas gus am bi luchd-altraim air am fastadh ach tha seo na naidheachd mhath dha-rìribh do mhuinntir Ratharsair," thuirt i.