Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Giblean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt an t-Àrd-Chuip Tòraidheach, Julian Mac a' Ghobhainn, gur e caibineat Theresa May an caibineat cho eas-umhail agus a bh' ann riamh. Thuirt e gu bheil ministearan a' cur às do dh'ùghdarras a' Phrìomhaire ann am pròiseas Bhrexit. Agus thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn gum bu chòir dhan Riaghaltas a bith air aideachadh gur e Brexit nas buige a bhiodh ann nuair a chaill na Tòraidhean am mòr-chuid aig an taghadh choitcheann mu dheireadh. Bidh Buill-Phàrlamaid a' bhòtadh a-nochd airson an dàrna turas air sreath roghainnean seach aonta Bhrexit Theresa May. Tha e coltach, aig an ìre seo, gur e aonta cuspainn leis an Aonadh Eòrpach an rud as coltaiche ris an cuireadh mòr-chuid an taic.

Fear a dhìth an Ratharsair

Tha na seirbheisean èiginn a' coimhead airson fireannaich, 73 bliadhna de dh'aois, ann an Ratharsair. Chaidh Alasdair Lovie, air a bheil dementia, fhaicinn mu dheireadh aig seann mhèinn faisg air Inbhir Àrois mu 11:00m an-dè. Tha Mgr Lovie mu 5'10" de dh'àirde. Bha seacaid dhubh, briogais denim, pèitean dearg agus ad dhubh air nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh.

Paigheadh

Tha mu dhà mhillean de luchd-obrach a' faighinn àrdachadh pàighidh an-diugh agus an tuarastal as lugha a tha ceadaichte ag èirigh faisg air 5%. Thèid pàigheadh airson uair de thìde gu £8.21.

Seirbheis Altraim an Ratharsair

Chaidh innse do mhuinntir Ratharsair gum bi seirbheis nurs làn-ùine aca a-rithist a dh'aithghearr. Thuirt ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, gun tàinig an gealltanas bho Àrd-Oifigear NHS na Gàidhealtachd, Iain Stiùbhart, agus gum faca muinntir an eilein cùmhnant na h-obrach, ged a dh'fheumas an NHS na h-uimhir a rèiteach fhathast. Tha Ratharsair air a bhith faisg air ceithir bliadhna gun chùram slàinte 24 uairean.

Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh cead dealbhachaidh airson togalaich eadar-amail aig Bun-Sgòil Ghàidhlig Inbhir Nis leis gu bheil àireamh nan sgoilearan air èirigh cho mòr. Thèid an sgòil-àraich a chur dhan toglach ùr. Ach tha dragh air cuid de phàrantan gun tèid an togalach seo a chleachdadh mar fhreagairt mhaireannach do chion rùm aig an sgoil.