Chuir teintean monaidh daoine às an dachaighean

Teine monaidh ann an Diùranais Image copyright Kevin Arrowsmith
Image caption Bha an teine a' dol airson ceithir là.

Ràinig lasraichean cho faisg air 30 slat bho thaighean dhaoine ann an iar-thuath Dhùthaich MhicAoidh.

B' fheudar do chòignear an dachaighean fhàgail faisg air Diùranais agus thugadh gu taighean-òsta iad faisg air làimh.

Fhuair iad dhachaigh oidhche Luain ach thug e gu 04:20m Dimàirt do luchd-smàlaidh an teine a mhùchadh.

Bha iad air a bhith a' strì ris an teine dà mhìle de dh'fhaid bho Dhisathairne.

Chaidh sia einnseinean smàlaidh a ghairm air an deireadh-sheachdain le criùthaichean bho Ulapul, Inbhir Ùige, Inbhir Theòrsa, Diùranais, am Blàran Odhar agus Loch an Inbhir an sàs san iomairt.

Image copyright Kevin Arrowsmith

Cunnart

Tha comhairliche na sgìre, Ùisdean Moireasdan, a' ruith Taigh-òsta Smoo Cave ann an Diùranais, agus thuirt e gun do roghnaich cuid de nàbaidhean gun an dachaighean fhàgail.

"Bha an teine mu 30 slat air falbh bho chuid de na taighean; cha robh ann ach an rathad eatorra agus na lasraichean.

"Dh'fhalbh grunn dhaoine air sgàth a' chunnairt, ach dh'fhuirich feadhainn.

"Bha ceò air feadh an àite - 's e suidheachadh duilich a bh' ann.

"'S e a bh' ann gun robh a' ghaoth cho làidir - suas ri 50 mìle san uair. Tha an talamh air a bhith cho tiorram agus chan eil dòigh ann stad a chur air an teine bho bhith a' sgapadh.

"Tha fraoch an sin nach deach a ghearradh airson 20 bliadhna. Mar sin, chan e a-mhàin gu bheil e tiorram tha e cuideachd gu math fada," mhìnich Mgr Moireasdan.

Image copyright Kevin Arrowsmith

Furachas

Tha Seirbheis Smàlaidh na h-Alba ag iarraidh air an t-sluagh a bhith air am faiceall mu na nì iad.

Tha iad ag ràdh gum faod teine tòiseachadh le toit a thèid a thilgeil air falbh gu mì-chùramach, neo mura tèid sùil gheur a chumail air teine campachaidh neo air barbecue.

Dh'fhaodadh teintean monaidh a bhith a' losgadh fad làithean agus sgrios a dhèanamh air sgìrean mòra de dh'fhearann agus fiadh-bheatha a bharrachd air am poball a chur ann an cunnart.