Castle
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sluagh mòr a' dèanamh air Caisteal Inbhir Nis

16 An Giblean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha àite faire Chaisteal Inbhir Nis a' tàladh barrachd luchd-turais a rèir nan àireamhan ùra.

Dh'innis a' bhuidheann High Life Highland gun deach cha mhòr deich thar fhichead mìle duine a dh'fhaicinn na seallaidhean sa bhliadhna mu dheireadh - àrdachadh an sin de chòig às a' cheud.

Mar thoradh air an seo, bidh an t-àite fosgailte son ùine nas fhaide gach latha tro mheadhan an t-samhraidh.

Tha an aithris seo aig Doneil MacLeòid.