Aiseag Bharraigh fhathast dheth

  • Air fhoillseachadh
MV Clansman
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dùil ris an MV Clansman ann am Bàgh a' Chaisteil aig 2:00f Diciadain, 's feumaidh an MV Isle of Lewis a bhith air a toirt far a' chidhe airson a leigeil a-steach.

Tha seirbheis ChalMac eadar Barraigh agus an t-Òban dheth Diciadain a-rithist agus luchd-einnseanaireachd fhathast ri obair-càraidh air slige an t-soithich ann am Bàgh a' Chaisteil.

Cha do sheòl an MV Isle of Lewis bho Dhidòmhnaich agus cha mhotha a sheòl am bàt'-aiseig air an t-slighe eadar Loch Baghasdail agus Malaig feasgar Dimàirt air sgàth thrioblaidean teicnigeach.

Chan fhaigh soitheach eile a-steach dhan chidhe ann am Bàgh a' Chaisteil fhàd 's a tha an Isle of Lewis ann.

Tha dùil ris an MV Clansman mu 2:00f Diciadain, agus gum bi an MV Isle of Lewis air a gluasad ron àm sin airson a leigeil chun a' chidhe.

Tha fear de chomhairlichean Bharraigh, Dòmhnall Manford, ag ràdh gu bheil ceistean aige mu mar a tha CalMac ag ùrachadh nam bàtaichean aca.

"Tha e na bhriseadh crìdhe mòr, domhain, na bàtaichean ùra a tha còir a bhith an-diugh san uisge a' ruith, agus iad fhathast gun a bhith air an togail, air an crìochnachadh dòigheil," thuirt e.

"'S e rud mòr mòr math a th' ann, an naidheachd a chuala sinn gun robh iad gu bhith air an togail an Alba, agus 's e briseadh cridhe domhain domhain a th' ann, nach eil iad 'a tighinn air n-aghaidh anns an dòigh sam bu chòir dhaibh," thuirt e.